Iar Phrionnsapal an t-Sabhail a’ leigeil dheth a dhreuchd
Tha Sabhal Mòr Ostaig air ainmeachadh gum bi Iain Tormod MacLeòid, Iar Phrionnsapal agus Stiùiriche Foghlaim na Colaiste, a’ leigeil dheth a dhreuchd aig deireadh an Iuchair 2018. Tha Iain Tormod air a bhith os cionn an Fhoghlaim bho 1983, an neach-obrach as fhaide a th’air a bhith aig a Cholaiste ach a-mhàin Cairistiona Primrose a thòisich bliadhna roimhe sin.
Thuirt Prionnsapal na Colaiste, an t-Ollamh Boyd Robasdan “Cha ghabh luaidh a dhèanamh air na rinn is na choilean Iain Tormod thar 35 bliadhna agus cha ghabh luach a chur air a sheirbheis dhan Cholaiste is dhan chànan. Tha cridhe Iain Thormoid sa Cholaiste agus tha e air a bhith aig cridhe beatha is obair na Colaiste. ‘S esan cnàimh-droma na Colaiste agus cha bhi e furasta a shamhail a lorg.”
Thuirt Aonghas MacLeòid, Cathraiche a’ Bhùird: “Nuair a thèid Sabhal Mòr ainmeachadh, smaoinichidh daoine sa mhionaid air Iain Tormod. ‘S ann fo stiùir a chaidh a h-uile cùrsa a tha air a thabhann leis a’ Cholaiste a dhealbhadh is a dhearbhadh. Duine gasta, glic, tuigseach agus dealasach.”
Tha obair trusaidh a’ dol an-dràsta airson Prionnsapal ùr leis gum bi an t-Ollamh Boyd Robasdan a’ fàgail as t-samhradh cuideachd.
“Ged a tha e doirbh beachdachadh air an t-Sabhal as aonais Iain Tormod agus Boyd,” thuirt Mr MacLeòid, “tha an dithis cho airidh ‘s a bha duine riamh air beagan fois is faothachaidh às dèidh uimhir de bhliadhnaichean de sheirbheis ionmholta eatorra.
“Feumaidh am Bòrd coimhead ri linn ùr dhan t-Sabhal san àm ri teachd. ‘S e cothrom a bhios ann dhan ath ghinealach a bhith a’ stiùireadh an leasachaidh ùir a bhios a’ leantainn aig a’ Cholaiste. Bidh sinn a’ sireadh dithis a ghabhas os làimh ceannardas na Colaiste, le sgilean is feartan eatarra a bhios freagarrach airson cur ris an obair iomraitich a rinn Iain Tormod agus Boyd airson na Colaiste, agus airson cor na Gàidhlig san fharsaingeachd.”