
Àireamh de dh’oileanaich air Cùrsaichean Gàidhlig an t-Sabhail Mhòir a’ sior fhàs
Thàinig còrr is ceud oileanach bho air feadh na h-Alba do Shabhal Mòr Ostaig aig àm na Càisge airson cùrsa goirid a dhèanamh ann an Gàidhlig.
Bha oileanaich a’ gabhail pàirt ann an cùrsaichean Gàidhlig aig gach ìre, feadhainn dhiubh a’ dèanamh cùrsa sònraichte le Ùlpan a chaidh a ruith aig a’ Cholaiste airson a’ chiad uair. Tha còrr is mìle oileanach clàraichte le Ùlpan an-dràsta agus bha uimhir aig an robh ùidh anns a’ chùrsa seo aig an t-Sabhal ach nach robh àiteachan gu leòr ann air an son uile.
Thuirt Susanne Dhòmhnallach, Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig:’Tha sinn air ar dòigh leis cho math is a tha na cùrsaichean a’ dol am-bliadhna gu ruige seo agus an àireamh de dh’oileanaich a ghabh pàirt annta. Tha e gu sònraichte math a bhith faicinn nan oileanach a’ dèanamh adhartais agus am piseach a th’ air tighinn air an cuid Gàidhlig.
‘Bha sinn gu math toilichte gum b’ urrainn dhuinn cùrsa Ùlpan a thoirt seachad mar phàirt den phrògram agus tha sinn an dòchas gun tig oirnn air barrachd dhiubh seo a dhèanamh agus na cothroman a th’ ann do dhaoine Gàidhlig ionnsachadh a leudachadh.’
Thuirt Dàibhidh Grannd, Stiùiriche Deiseal, a’ chompanaidh a tha air cùl Ùlpan, agus a bha a’ teagasg air a’ chùrsa:’Bha na h-oileanaich uile ag obair gu math cruaidh fad seachdain agus thàinig na sgilean labhairt aca air adhart gu mòr. Tha sinn an dòchas cùrsaichean eile mar seo a’ ruith aig an t-Sabhal san àm ri teachd oir tha e soilleir gu bheil ùidh mhòr aig daoine annta.’
Thuirt Katie NicCoinnich a tha a’ fuireach ann an Dùn Èideann agus a rinn an cùrsa Ùlpan:”S e àite air leth a th’ ann an Sabhal Mòr Ostaig agus chòrd an cùrsa Ùlpan rium gu mòr agus cha chreid mi nach eil mi a’ faicinn buannachd mar-thà. Is bochd nach robh cothrom agam fuireach airson seachdain eile a dhèanamh.’