Skip to content
SMO Generic Banner Image

Leabhar ùr ga fhoillseachadh leis a’ bhàrd Sgitheanach Maoilios Caimbeul



Thèid leabhar bàrdachd ùr leis a’ bhàrd Sgitheanach Maoilios Caimbeul fhoillseachadh aig Sabhal Mòr Ostaig nas fhaide air a’ mhìos seo. Seo an siathamh leabhar bàrdachd a tha Maoilios air fhoillseachadh, agus tha tiotal an leabhair a’ tighinn bho shreath de dhàin a tha san leabhar a tha stèidhichte air obair luchd-ealain ainmeil bho thar nan linntean.

A’ bruidhinn air an leabhar ùr aige thuirt am bàrd: “Tha mi air leth toilichte gu bheil ‘Tro Chloich na Sùla’ ga fhoillseachadh aig Sabhal Mòr Ostaig. Cha b’ urrainn àite na b’ fheàrr a bhith ann airson leabhar bàrdachd Ghàidhlig a chur air bhog. ’S e leabhar caran annasach a th’ ann san t-seagh gu bheil sreath-dhàn ann a tha a’ cleachdadh na seann mheadrachd ‘dàn dìreach’ a bh’ aig na bàird phroifeiseanta o shean, ach le tionndaidhean. Le bhith coimhead air dealbhan ainmeil le luchd-ealain air feadh nan linntean, tha na dàin a’ measadh mar a tha na dealbhan a’ sealltainn mar a tha beachdan dhaoine air an t-saoghal air atharrachadh. Tha dàin eile san leabhar ann an dòigh-sgrìobhaidh an latha an-diugh a’ dèiligeadh ri àiteachan, poilitigs, creideamh agus cuspairean pearsanta.”

’S ann à Stafainn san Eilean Sgitheanach a tha Maoilios agus gu h-annasach do bhàird na nuadh-bhàrdachd, ’s ann ann an Gàidhlig a-mhàin, no Gàidhlig / Gaeilge, a tha na cruinneachaidhean aige uile ach aon a-mhàin. Bha e na Bhàrd air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2008 agus chaidh a chrùnadh mar Bhàrd a’ Chomuinn Ghàidhealaich ann an 2002. Tha e air a bhith na òraidiche air diofar chùrsaichean aig SMO thar nam bliadhnaichean agus tha e cuideachd air seachd nobhailean cloinne a sgrìobhadh agus tha tèile air an t-slighe agus tha e air aon nobhail airson inbhich a sgrìobhadh, ‘Teas’, do dh’Ùr-Sgeul.

A’ coimhead air adhart ris an fhoillseachadh, thuirt Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig, Am Proifeasair Boyd Robasdan: “Tha cliù aig Maoilios mar fhear de phrìomh bhàird an latha an-diugh agus tha mi cinnteach gun cuir an cruinneachadh ùr seo ris an t-seasamh sin. Tha sinne aig an t-Sabhal moiteil às na diofar cheanglaichean a th’ air a bhith aig Maoilios ris a’ Cholaiste thar nam bliadhnaichean agus toilichte dha-rìribh a bhith a’ cur na cuirm seo air dòigh an co-bhoinn ris na foillsichearan, Clàr.”

Chan ann a-mhàin mu obair-ealain a tha an leabhar ùr, tha fichead dàn eile san leabhar a tha suathadh air diofar chuspairean agus a tha air cruth is stoidhle eadar-dhealaichte bhon chòrr.

Thuirt Liza Storey bhon chompanaidh CLÀR a tha a’ foillseachadh an leabhair: “Tha briathran ealanta aig Maoilios Caimbeul san leabhar ùr seo. Mar eisimpleir, tha mi a’ smaointinn gur e ‘Am Figheadair Sàmhach’ (Aonghas Eòsaph Mac a Phì, 1915 – 1997) am pìos bàrdachd bu thiamhaidhe a leugh mi riamh.”

Thèid ‘Tro Chloich na Sùla’ fhoillseachadh san t-Seòmar Chruinneachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig aig 7.30f air Diardaoin 23 Dàmhair, agus tha e fosgailte dhan a h-uile duine. Bidh ceòl ann cuideachd air an oidhche le oileanaich bhon chùrsa chiùil aig SMO agus bidh ìomhaighean de chuid den obair-ealain a tha air cùl nan dàn gan sealltainn mar phàirt den leughadh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578