Leabhar eachdraidh mu Iomairt Sgoil Ghàidhlig Dhùn Èideann air a chur air bhog
Chuir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Iain Suaineach BPA, leabhar eachdraidh ùr air bhog Diluain a chaidh a sgrìobhadh leis an Dr Tim Armstrong, òraidiche aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig.
Tha an leabhar ùr seo, Às na Freumhan, a’ leantainn eachdraidh air iomairt na Sgoile Gàidhlig ann an Dùn Èideann, strì a bha fada agus, aig amannan, connspaideach agus a mhair ceithir bliadhna deug. Chaidh a buannachadh, aig a’ cheann thall, le pàrantan agus iomairtichean Gàidhlig eile a chùm orra a’ strì fad na h-ùine sin, is a thug air Comhairle Bhaile Dhùn Èideann aontachadh ri Bun-Sgoil Taobh na Pàirce ann an 2011.
Bhruidhinn an Leas-Phrìomh Mhinistear mun leabhar: “Tha e a’ toirt toileachas mòr dhomh an leabhar ùr seo le Tim Armstrong a chur air bhog, leabhar anns a bheil eachdraidh na ciad sgoil Gàidhlig ann an Dùn Èideann.
“Tha an ùidh a th’ aig muinntir Dhùn Èideann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig air a dhol am meud bho na 1980an gus an latha an-diugh.
“Tha Riaghaltas na h-Alba toilichte a chuid taic a chumail ris a’ Chomhairle agus ri pàrantan airson foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a lìbhrigeadh agus tha fiughair againn ri bhith a’ co-obrachadh leothasan a tha airson a leudachadh.”
A bharrachd air an eachdraidh, tha Armstrong a’ coimhead air cuspair nan sgoiltean Gàidhlig ann an Alba, is e a’ dèanamh na h-argamaid gur e barrachd sgoiltean Gàidhlig, a’ gabhail àite nan ionadan Gàidhlig, an aon rud a nì cinnteach gum bi foghlam tro mheadhan na Gàidhlig da-rìribh a’ cur ri glèidheadh a’ chànain ann an Alba.
“Tha mòran bhuannachdan an lùib nan sgoiltean Gàidhlig fa leth”, mhìnich Armstrong. “Buannachdan foghlaim, sòisealta agus cànanach, ach ’s e am buannachd as motha a th’ aca an cothrom ethos làidir Gàidhlig a bhrosnachadh air feadh na sgoileadh.”
“Cha chleachd òigridh an cuid Gàidhlig ro thric taobh a-muigh na sgoileadh neo san àm ri teachd mura bi an cànan cudromach dhaibh gu pearsanta, mar phàirt den fhèin-aithne aca mar Ghàidheil òga. Gus dàimh làidir a thogail eadar an cànan is am fèin-aithne, feumaidh tidsearan ethos làidir Gàidhlig a chur air adhart aig gach ìre ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, rud a tha fada nas fhasa a thoirt gu buil ann an sgoil Ghàidhlig na bhiodh e ann an ionad Gàidhlig neo ann an sgoil a tha air a roinn eadar a’ Bheurla ’s a’ Ghàidhlig.”