Skip to content
SMO Generic Banner Image

Moladh eadar-nàiseanta ga dhèanamh air Cùrsaichean Goirid an t-Sabhail



Tha oileanaich à 22 diofar dhùthchannan air tadhal air Sabhal Mòr Ostaig as t-samhradh seo agus iad a’ dèanamh aon de na cùrsaichean goirid a tha ruith eadar an Cèitean is an Lùnastal gach bliadhna.

Thòisich cùrsaichean goirid ann an Gàidhlig is ceòl traidiseanta aig a’ cholaiste ann an 1973 agus a-nis bidh còrr is 700 duine a’ tighinn dhan cholaiste a dhèanamh aon de na cùrsaichean goirid a h-uile samhradh. Am measg nan cuspairean a thathar a’ teagasg tha dràma, Gàidhlig, an fhidheall, am bogsa, dannsa ceum, seinn, pìobaireachd, piàna, an fhìdeag agus iomadh nì eile agus iad uile air an teagasg le feadhainn de na h-oidean as comasaich a th’ ann.

A’ bruidhinn air soirbheachadh nan cùrsaichean goirid agus mar a tha iad a’ tarraing dhaoine bhon a h-uile ceàrnaidh, thuirt Alasdair MacAoidh, Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid: “Tha sinn uabhasach toilichte leis na cùrsaichean goirid a tha air a bhith againn gu ruige seo am-bliadhna agus gu h-àraidh leis an àireamh de dh’oileanaich a tha air tighinn don Cholaiste airson cùrsa a ghabhail. Gach bliadhna, tha clàr-ama nan cùrsaichean goirid SMO a’ fàs nas fhèarr is nas fharsaing le meall de chùrsaichean ùra air a bhith againn ann an 2012. Tha na h-oileanaich againn cho dìcheallach agus tha e an-còmhnaidh a’ cur iongnadh orm an oidhirp a tha gach oileanach a’ dèanamh airson seachdain ionnsachaidh a chur seachad aig SMO. Am-bliadhna, tha sin air a bhith follaiseach leis an àireamh a bh’ againn an seo is cho pailt ’s a bha na h-oileanaich a bh’ againn bho thall-thairis. Tha sinn an dùil gum bi na cùrsaichean goirid a bhios againn ann an 2013 nas fhèarr a-rithist le cuspairean diofraichte is barrachd chùrsaichean a’ ruith tron bhliadhna air fad is gum faic sinn tòrr oileanaich ùra is bidh fàilte mhòr air na h-oileanaich a thilleas.”

Thuirt aon oileanach, Angela Gergel, a thàinig às an Ugràin còmhla ris an nighean aice am-bliadhna gus cùrsa ann an dannsa ceum a dhèanamh: “Chuala mi an-toiseach mu Sabhal Mòr Ostaig ann an 2007 nuair a bha mi a’ coimhead airson àite far am b’ urrainn dhomh Gàidhlig ionnsachadh. Mar eòlaiche-chànan bha mi airson Gàidhlig ionnsachadh agus le bhith teagasg diofar chànanan do dhaoine bha mi a’ toirt an aire dha mar a bha iad coltach ri chèile, agus bha mi a’ tuigsinn gun robh còir freumhan coitcheann a bhith ann a bha gan ceangal. Nuair a thòisich mi ag ionnsachadh Gàidhlig chuir e iongnadh orm cho faisg agus a bha a’ Ghàidhlig is na cànanan Slàbhach a thaobh nam faclan is nan structaran aca! Bhithinn a’ tighinn dhan cholaiste a h-uile samhradh agus chan ann a-mhàin airson Gàidhlig ionnsachadh, ach cuideachd airson na h-òrain, an dannsa agus an eachdraidh.

“Thàinig an nighean agam còmhla rium am-bliadhna agus chòrd an dannsa ceum rithe gu mòr. Dh’ionnsaich sinn tòrr, agus bha sinn a’ faireachdainn math às dèidh nan clasaichean. Bidh sinn a’ tilleadh dhan t-Sabhal Mhòr agus tha sinn cinnteach gun còrd an ath chùrsa a nì sinn cho math sa chòrd am fear seo rinn.”

Agus bha moladh mòr aig oileanach eile air a’ chùrsa a rinn esan, thuirt Daniel Funk à Chicago: “Thòisich mi a’ smaoineachadh air cùrsa a ghabhail nuair a fhuair mi fios air Facebook bho mo charaid, Muriel Fisher, agus i ag innse dhomh gun robh i gu bhith teagasg chùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig. Thachair mi ri Muriel o chionn bheagan bhliadhnaichean aig Deireadh-sheachdain sna Stàitean far an robh sinn a’ faighinn bogadh sa chànan agus bha fios agam air dè cho math sa bha i mar thidsear. Thuirt mi ri mo charaid Lita Tulloch, a tha fuireach ann an San Francisco, gun robh mi am beachd cùrsa a ghabhail. Agus b’ ann às dèidh dhomh bruidhinn rithe a chuir mi romham a dhol air a’ chùrsa. Thuirt i nach robh i riamh ann an Alba agus gun robh i airson faighinn a-mach mun taobh Albannach aice (tha i à teaghlach Albannach is Iapanach). Roghnaich sinn an cùrsa ‘Exploring Skye through Gaelic’ a bha airson luchd-tòiseachaidh is daoine aig nach robh Gàidhlig. Bhiodh Muriel a’ teagasg is mar sin bha fios a’m gum biodh spòrs againn! Tha an dòigh teagaisg aig Muriel cho furasta a leantainn do dhaoine gun Ghàidhlig ach aig an aon àm bha gu leòr ann dhòmhsa, a tha air oidhirpean a dhèanamh gus Gàidhlig ionnsachadh thar nan sia bliadhna a dh’fhalbh, gus mo chur gu dùbhlan. Chaidh Lita a thogail ann an Iapan is mar sin tha i fileanta ann an Iapanais, ach chuir e iongnadh orm an uiread sa bha i a’ tuigsinn ro dheireadh na seachdaine agus cho math sa bha am fuaimneachadh aice!

“Bha an cùrsa cho math sa bha mi an dòchas a bhiodh e. Chunnaic sinn tòrr dhen Eilean Sgitheanach, fhuair sinn cothrom bruidhinn ri Gàidheil an eilein nuair a stad sinn ann an diofar àiteachan gus ionnsachadh mu eachdraidh an Eilein. Bha sinn a’ siubhal an uiread gun tug mise ‘Gàidhlig air chuairt’ air a’ chùrsa. Bha an clas beag is mar sin ceist sam bith a bh’ aig duine fhuair iad freagairt dhi san spot agus bha sinn uile a’ faireachdainn cofhurtail còmhla is thug sinn misneachd dhuinn uile gu bhith bruidhinn beagan Gàidhlig. Mura robh cuimhne aig aonan againn air rudeigin, bha aig cuideigin eile, is chuidich sin sinn na h-abairtean Gàidhlig ionnsachadh. Bha na clasaichean fìdhlearachd aig Alasdair Friseil air aig an aon àm sa bha sinne ann agus leis an sin chòrd na h-oidhcheannan rinn gu mòr agus na fìdhlearan a’ cluich gu uairean beaga na maidne! Bha an cùrsa aig Sabhal Mòr Ostaig dìreach mar a bha mi ag iarraidh: bha spòrs is dibhearsain againn, bha daoine gu math càirdeil agus bha cothrom ionnsachaidh againn. Agus fhuair sinn cothrom tadhal air caraidean, is eòlas a chur air feadhainn ùra, ann an aon de na h-àiteachan às brèagha a th’ ann. Bha an cùrsa agus an turas dìreach sònraichte!”

’S iad na 22 dùthchannan às an tàinig daoine a rinn cùrsa goirid am-bliadhna: Ameireagaidh, Astràilia, A’ Bheilg, Canada, Poblachd nan Seiceach, Sasainn, An Fhraing, A’ Ghearmailt, An Òlaind, Iapan, Lugsamburg, Èirinn a Tuath, Èirinn, Nirribhidh, A’ Phòlainn, An Ruis, Alba, An Spàinn, An t-Suain, An Eilbheis, An Ugràin agus a’ Chuimrigh.

Dealbh: Neach-ealain Ariel Killick à Astràilia a rinn dà chùrsa goirid aig Sabhal Mòr Ostaig as t-Samhradh.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578