Skip to content
SMO Generic Banner Image

Murt aig an t-Sabhal Mhòr!



Airson a’ chiad uair riamh bidh cothrom aig daoine a dhol an sàs ann an deireadh-seachdain de dhìomhaireachd agus murt mas fhìor ann an Gàidhlig. Mar phàirt den bhliadhna far a bheil Sabhal Mòr Ostaig OGE a’ comharrachadh gur e 40 bliadhna bhon a chaidh a’ cholaiste a stèidheachadh, agus mar phàirt de chùrsaichean goirid na colaiste, faodaidh daoine tighinn gu banais aig a’ cholaiste – banais far a bheil cùis-uabhais gu bhith ann.

Le ‘Murt aig a’ Bhanais’ bidh dà latha làn dibhearsain sa Ghàidhlig aig daoine, far am bi pòsadh, dràma, seinn, fealla-dhà agus gaireasachadh gu leòr ann! Bidh sgioba beag de chleasaichean ùra ann a bharrachd air duine no dithis a tha nas aithnichte, ach ’s ann an urra ris na h-aoighean aig a’ bhanais a bhios e obrachadh a-mach cò rinn am murt?

A’ bruidhinn air an deireadh-sheachdain, thuirt Alasdair MacAoidh, Manaidsear nan Cùrsaichean Goirid: “Bha sinn ag iarraidh rudeigin gu tur eadar-dhealaichte fheuchainn, agus bha sinn a’ smaoineachadh gun còrdadh tachartas mar seo ri daoine. Gheibh daoine cothrom a dhol gu banais, gheibh iad deagh bhiadh, bidh is spòrs agus fealla-dhà aca, agus aig an aon àm bidh dràma ann agus murt! Cha robh dad mar seo riamh ann an Gàidhlig, agus leis an sgioba de dhaoine a tha gu bhith an sàs ann tha sinn cinnteach gum bi deireadh-seachdain air leth aig daoine. Chan fhaod sinn cus a ràdh aig an ìre-sa, ach faodaidh mi a ràdh gu bheil Gàidheal no dithis a tha gu math aithnichte gu bhith a’ gabhail pàirt ann.”

Thèid an tachartas a chumail eadar 5-6 Giblean, agus tòisichidh cùisean oidhche Haoine (5 Giblean) aig 6.30f le fàilte agus clàradh, agus gheibh daoine fiosrachadh mu mar a tha an deireadh-seachdain a’ dol a dh’obrachadh, agus cothrom coinneachadh ri daoine mus gabh iad dìnnear. Bidh dìnnear ann aig 7f agus an uair sin bidh ‘oidhche nan damh is nan cearc’ ann. Leanaidh cùisean Disathairne leis a’ phòsadh fhèin agus bidh buffet agus cèilidh na bainnse ann air an oidhche far an tig cùisean gu crìch ann an iomadach dòigh!

A rèir Artair Donald, Neach-dràma na Colaiste, a tha air a bhith an sàs ann an cur air dòigh an tachartais: “Tha mi coimhead air adhart chun deireadh-sheachdain gu mòr! ’S e seo a’ chiad turas riamh a chaidh an leithid a dhèanamh ann an Gàidhlig. ’S e cothrom air leth spòrsail a bhios ann le tòrr fealla-dhà, gàire is high jinks an luib na bhios a’ dol.”

Tha an tachartas freagarrach do luchd-ionnsachaidh agus fileantaich, oir bidh cothroman ann do luchd-ionnsachaidh is luchd-tòiseachaidh pàirt a ghabhail ann an cùisean is tuigse fhaighinn air na tha dol air adhart. Ach mar as motha de Ghàidhlig a th’ aig daoine, ’s ann as fheàrr a chòrdas cùisean riutha agus iad comasach air barrachd pàirt a ghabhail anns na tha tachairt. Cuideachd, chan fheum eòlas a bhith aig daoine air dràma no cleasachd, ach ma tha daoine ag iarraidh pàirt beag a ghabhail san dràma, faodaidh iad bruidhinn ri sgioba nan Cùrsaichean Goirid ro làimh. Agus ged nach fheum daoine seo a dhèanamh, bhiodh e glè mhath nam b’ urrainn dha na h-aoighean aodach freagarrach a chur orra airson na bainnse.

Cosgaidh an deireadh-seachdain £45 airson daoine nach fheum àite-fuirich aig Sabhal Mòr Ostaig, no £95 do dhaoine a tha feumach air àite-fuirich aig SMO. Gheibhear tuilleadh fiosrachaidh mun deireadh-sheachdain aig http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/cursaichean/cursaichean-goirid/murt-aig-a-bhanais

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578