
Sabhal Mòr Ostaig A’ Gairm Neach-ealain Sgoilearachd Jon Schueler 2019
Chaidh an neach-ealain Astràilianach, Kim Anderson, ainmeachadh mar an Neach-ealain ùr Air Mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig fo Sgoilearachd Jon Schueler.’S e seo seachdamh bliadhna na sgoilearachd còmhnaidh a tha stèidhichte aig Ionad Nàiseanta Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach.
‘S e com-pàirteachas gun samhail a th’ anns an Sgoilearachd, eadar Sabhal Mòr Ostaig agus Urras Carthannach Jon Schueler, le taic Acadamaidh Rìoghail na h-Alba. Chaidh a stèidheachadh airson beatha, obair is buaidh an neach-ealain chliùitich, Jon Schueler (1916-1992), a chomharrachadh agus a chuimhneachadh, agus airson a dhàimh shònraichte le dreach tìre is mara agus àrainneachd Linne Shlèite aithneachadh.
Choisinn Kim, a bhuineas dha Ballarat, Victoria, ceum anns na h-Ealainean Finealta (le Urram) aig Oilthigh Bhallarat ann an Astràilia agus ann an 2007 choisinn i sgoilearachd airson ceum Maighstireil anns na h-Ealainean Finealta a dhèanamh aig Oilthigh Dhùn Dè ann an Alba. Tha i air greisean còmhnaidh a choileanadh bhon uair sin ann an grunn àiteachan a leithid Prògram Stiùidio Eadar-nàiseanta Chomhairle Astràilia aig Sgoil Bhreatannach na Ròimhe, ann an Echigo-Tsumari, Iapan, aig Taigh Hospitalfield ann an Obar Bhrothaig ann an Alba, agus aig DRAWinternational ann an Caylus sa Fhraing, a fhuair taic Urras Cultarail Ian Potter.
Choisinn Kim Tabhartas ArtStart le Comhairle Astràilia ann an 2010 agus tha i air pròiseactan a dhealbhadh is a ghleidheadh le taic Arts Victoria, Cathair Melbourne, agus Regional Arts Victoria. Tha Kim air taisbeanadh air feadh Astràilia is thall thairis agus tha i air àite a chosnadh anns na cuairtean-deireannach de dh’iomadh duais nàiseanta a leithid Duais Paul Guest, Duais Tarraing-dhealbhan Rick Amor agus Duais Ealain Hazelhurst. Tha na leanas am measg nam pròiseactan mòra taisbeanaidh leatha, I Am My Own Prisoner aig Colaiste Scotch Oakburn ann an Launceston, Tasmania, ann an 2013, agus The Space Between, taisbeanadh lèirsinneach/fuaime aig a’ chiad White Night Ballarat anns a’ Mhàrt 2017. Ann an 2018 bha Kim na prìomh neach-ealain aig Biennale Ealain Astràilia agus prìomh thaisbeanadh aonair aice aig Taigh-ealain Bhallarat.
A thaobh a greis air mhuinntireas, thuirt Kim: “’S e fìor adhbhar toileachais is urraim a tha seo gu bheil Sgoilearachd Jon Schueler 2019 ga buileachadh orm. Tha seo a’ dearbhadh an rathaid a ghabh mi nam chuid obrach o chionn ghoirid – ga stèidheachadh air cuspairean caoidh is bròn mu atharrachadh-sìde agus cron air an àrainneachd nach gabh leigheas. Tha fadachd orm a bhith an lùib cultar na Gàidhlig agus a’ leasachadh obair ùr,’s e sin sreath ùr de dhealbhan tarraingte mòra agus àrainnean-fuaime bonntaichte air òrain is bàrdachd na Gàidhlig agus àrainneachd àlainn an Eilein Sgitheanaich.”
Bidh neach-ealain na sgoilearachd an-uiridh, Rachel Schmidt, a’ fosgladh an taisbeanaidh aonair aice aig Gaileiridh Hamiltonian ann an Washington DC, 12 Am Faoilleach, anns am bi obair ùr stèidhichte air a’ ghreis chòmhnaidh aice aig Sabhal Mòr Ostaig. Nuair a bha Rachel aig a’ Cholaiste bha i a’ co-obrachadh le neach-ealain òg Gàidhlig a bha air ùr-cheumnachadh bho Sgoil Ealain Ghlaschu agus leis an neach-ealain is neach-ciùil, Hector MacAonghais, agus chuir iad tachartas taisbeanaidh/fuaime air dòigh aig Sabhal Mòr Ostaig. Chaidh an t-airgead a chruinnich iad air an oidhche gu Fèis nan Tallachan Beaga aig SEALL, a’ bhuidheann taisbeanaidh ealain a tha stèidhichte aig an t-Sabhal Mhòr.
An dèidh dhi tilleadh do na Stàitean, tha Rachel air co-obrachadh thar sàil a chumail a’ dol cuide ris a’ bhàrd, Rody Gorman, agus an neach-ealain is neach-ciùil, Hector MacAonghais, is iad ag obair air mìneachaidhean bhideo/fuaime air sreath de dhàin le Rody. Thèid an àrainn-fuaime a chlàradh aig Stiùidio Ostaig.
Thuirt Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig, Kath NicLeòid: “Tha sinn fìor thoilichte a bhith a’ cur fàilte air Kim Anderson ann an 2019 mar an seachdamh neach-ealain lèirsinneach air Sgoilearachd Jon Schueler. Bidh na com-pàirteachasan leantainneach eadar luchd-ealain eadar-nàiseanta agus luchd-ealain Gàidhlig òg no stèidhichte ag adhbharachadh obair inntinneach an lùib a’ phrògraim agus seo mar thoradh air Sabhal Mòr Ostaig mar ionad cruthachail is cultarail. Bidh luchd-ealain, oileanaich agus a’ choimhearsnachd a’ co-obrachadh le luchd-ealain Schueler fhad’s a tha iad an seo tro thachartasan stiùidio fosgailte, òraidean is tachartasan com-pàirteachaidh eile, agus beachdan-smuain à diofar chultaran gan aiseag eadar càch a chèile. Tha an sgoilearachd seo a’ cur ri prògram còmhnaidh an t-Sabhail Mhòir do sgrìobhadairean, luchd-ciùil, luchd-dràma agus luchd-ealain a bhios a’ leudachadh cothroman co-obrachaidh eadar gnèithean ealain do luchd-ealain Gàidhlig ann an 2019.”
Tha obair-ealain le Sgoilear Jon Schueler 2017, David Lemm, bhon ghreis chòmhnaidh aige aig an t-Sabhal Mhòr, ga taisbeanadh aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba ann an Dùn Èideann (23 An Dùbhlachd – 17 Am Faoilleach 2019) mar phàirt den Taisbeanadh Bhliadhnail le SSA.
Bithear a’ gabhail ri iarrtasan airson greis chòmhnaidh Schueler 2020 bho 30 An Lùnastal 2019. Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu iarrtasan aig http://www.smo.uhi.ac.uk/gd/ealain-is-cultar/jon-schueler/
Ìomhaigh agus creideas: Kim Anderson