Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraid Chuimhneachaidh Shir Iain Noble agus Neach Òg na Bliadhna 2019



Chaidh an ochdamh Òraid Chuimhneachaidh air Sir Iain Nobail a thoirt seachad le Cairistìona Walker, à Leòdhas, aig Sabhal Mòr Ostaig, Diardaoin 31 Dàmhair agus b’ e cuspair na h-òraid, “Cànan na coimhearsnachd, cànan nam bannan”.

Rugadh is thogadh Cairistìona ann an Siabost air taobh siar Eilean Leòdhais; na briathran fhèin, “baile beag brèagha a tha ainmeil air diofar adhbharan.” San òraid aice, thug i dhuinn dealbh àlainn den togail phrìseil a fhuair i, am beairteas a bh’ aca nan cànan màthaireil sa choimhearsnachd agus an dlùth cheangal a tha eadar beatha coimhearsnachd agus cànan. 

Cha robh aon dachaigh anns nach robh Gàidhlig ga bruidhinn na h-òige agus ‘s e cànan a bha dharìribh beò a bha ann. Thug i mìneachadh air dè th’ ann an cànan beò – “cànan a bha ga chleachdadh anns a h-uile suidheachadh, aig a h-uile ìre, cànan air a bheilear a’ cur meas, anns a bheil luach agus a tha cho mòr na phàirt den choimhearsnachd ’s a tha a’ choimhearsnachd na pàirt den chànan. Tha iad beò còmhla, an co-eisimeil a chèile, a’ fàs agus a’ soirbheachadh còmhla, ag atharrachadh còmhla agus gu mì-fhortanach a’ crìonadh agus a’ bàsachadh còmhla cuideachd. Tha cànan beò ann an cridhe agus an anam gach duine a tha ga bhruidhinn agus ann an cridhe na coimhearsnachd.”

Bha a’ Ghàidhlig aca uile a’ fàs suas agus sin an cànan anns an deach na bannan a chur sìos leis a h-uile duine a bha sa choimhearsnachd.  Bha measgachadh de rudan a bha fighte a-steach dha na bannan – sloinntearachd, obair, beathaichean, far-ainmean, cleachdaidhean, bùithtean, an eaglais agus foghlam – agus thug i seachad eisimpleirean geur is eirmseach air mar a bha a’ choimhearsnachd is an cànan a’ dol làimh ri làimh.  

“B’ i a’ Ghàidhlig an cànan anns an do chuir sinn sìos na bannan agus anns an do chuir sinn eòlas air càch a chèile, anns an robh sinn a’ cluich agus a’ conaltradh, a’ dèanamh fealla-dhà ’s uaireannan a’ còmhstri, agus nuair a bhios sinn a’ coinneachadh, sin an cànan a chleachdas sinn chun an là ’n-diugh air sgàth gum b’ e sin ar toiseach tòiseachaidh. Sin cho cudromach ’s a tha e a bhith a’ cur sìos nam bannan. Nam bharail-sa, cha ghabh cuideam gu leòr a chur air a’ bhuaidh a th’ aig seo air a’ chànan. 

Tha mi cinnteach gun aontaicheadh Sir Iain ri buaidh na coimhearsnachd agus buaidh nam bannan.”

Thuirt Mark Wringe, Stiùiriche a’ chùrsa BA Cànan is Cultar aig Sabhal Mòr Ostaig agus a bha na Fhear an Taighe: “Sheall Cairistìona dhuinn cho bunaiteach is riatanach’s a tha na bannan pearsanta ann an togail cànain. ‘S e cànan an t-aon mheadhan a tha againn gus brìgh a dhèanamh dhinn fhìn agus ri chèile. ‘S urrainn dhuinn uile cànan ùr ionnsachadh, ach’s e na bannan a tha eadar sinn fhìn agus ar caraidean, ar coimhearsnachd is ar teaghlach a chuireas blàths, dàimh is dìlseachd nar roghainn cànain.  Às aonais coimhearsnachd, cha bhi a’ Ghàidhlig buan.  Dhearbh Cairistìona carson a tha na dhà an eisimeil air a chèile.”

A bharrachd air an òraid, tha Urras an Eilein cuideachd air a bhith a’ toirt seachad duais bhliadhnail airson “Neach Òg na Bliadhna” a chomharrachadh, agus b’ i Alannah Pheutan, à Port Rìgh, a ghlèidh duais na bliadhna sa.

Chrìochnaich an oidhche le ceòl na pìoba leis an Dr. Aonghas Dòmhnallach, Gleann Ùige, agus thug fear an taighe, Mark Wringe, taing do Chairistìona Walker, às leth Urras an Eilein agus Shabhal Mòr Ostaig, airson na h-òraid.

Tha an òraid seo, a chaidh a stèidheachadh le Sabhal Mòr Ostaig agus Urras an Eilein – dà bhuidheann aig an robh dlùth cheangal le Sir Iain fad iomadh bliadhna – mar chuimhneachan air an obair mhòir a rinn e don Cholaiste, don sgìre agus don Ghàidhlig. 

Gheibh sibh dreach den òraid gu h-ìosal:

Òraid Chairistiona Walker 2019