Skip to content
SMO Generic Banner Image

OILEANACH UCRÀINIANACH A’ GABHAIL NAN ATH CHEUMANNAN AIR SLIGHE GHÀIDHLIG



Tha ban-Ucràinianach a dh’fhàg a dùthaich air turas ùr a thòiseachadh an t-seachdain sa gus Gàidhlig ionnsachadh aig Sabhal Mòr Ostaig, an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig, anns an Eilean Sgitheanach.

Thug Nika Naliota, a thàinig a dh’Alba à Odesa anns a’ Chèitean am-bliadhna, leatha fìor ùidh anns a’ Ghàidhlig. An dèidh beagan tuigse fhaighinn den chànan agus den chultar Cheilteach tro fhilmichean agus litreachas, bha i dealasach an ùine aice ann an Alba a chleachdadh gus piseach a thoirt air a h-eòlas agus comas anns a’ chànan.

Nika Naliota

Bhon a thàinig i a dh’Alba, tha Nika air a bhith a’ fuireach ann an Loch Abar le teaghlach aig a bheil Gàidhlig agus tha i air cothrom fhaighinn an cànan a chleachdadh agus a briathrachas a leasachadh ann am beatha làitheil.

An t-seachdain sa, tha Nika a’ dol an sàs ann am prògram nan cùrsaichean goirid samhraidh aig Sabhal Mòr Ostaig agus i ag ionnsachadh còmhla ri oileanaich eile a tha cuideachd gam brosnachadh fhèin gus Gàidhlig a chleachdadh. Tha an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan is Cultar na Gàidhlig anns an Eilean Sgitheanach air taic a thoirt do Nika le cosgaisean a’ chùrsa agus àite-fuirich ann an dlùth-phàirteachas. Tron t-seachdain, tha Nika air a bhith ag ionnsachadh gràmair agus briathrachais Ghàidhlig, a bharrachd air dòighean ionnsachaidh a bheir taic dhi gus piseach a thoirt air a cuid eòlas às dèidh a’ chùrsa. Tha i air a bhith a’ fuireach air àrainn Shabhal Mòr Ostaig ann an Slèite, a toirt cothrom dhi Gàidhlig ionnsachadh ann an suidheachadh làn-bhogaidh.

Thuirt Nika: “Tha e sgoinneil a bhith an seo aig Sabhal Mòr Ostaig, a’ fuireach ann an coimhearsnachd le Gàidhlig aig a cridhe agus aig colaiste a tha beò le cànan is cultar na Gàidhlig. Tha an turas a’ còrdadh rium gu mòr agus mi ag ionnsachadh an t-uabhas bho na h-oidean agus na h-oileanaich eile, a’ feuchainn abairtean ùra agus a’ còmhradh cho tric ‘s as urrainn dhuinn sa Ghàidhlig anns a’ chlas agus a-mach às. ‘S e fìor dheagh chothrom a th’ ann dhomh agus dòigh sgoinneil cànan air a bheil mi air a bhith measail o chionn fhada ionnsachadh.

Thuirt Nika cuideachd: “Tha mi fada an comain Shabhal Mòr Ostaig and an teaghlaich-aoigheachd agam a tha air taic a thoirt dhomh gus pàirt a ghabhail anns an t-seachdain seo. Tha na beagan mhìosan mu dheireadh air a bhith gu sònraichte cianail dhòmhsa is dham theaghlach agus tha sin a’ ciallachadh gu bheil mo thuras a dh’Alba air a bhith uabhasach luachmhor. Tha an t-seachdain sa anns an Eilean Sgitheanach air cur gu mòr rim ghaol airson na Gàidhlig agus a’ chultair Cheiltich.”

Thuirt an Dr Gillian Rothach, Prionnsapal Shabhal Mòr Ostaig: “Tha sinn air leth toilichte fàilte chridheil Ghàidhealach a chur air Nika chun na h-àrainne againn anns an Eilean Sgitheanach an t-seachdain sa mar phàirt den phrògam chùrsaichean goirid samhraidh againn. B’ e tlachd a bh’ ann dhuinn taic a thoirt do Nika fhad ‘s a tha i a’ fuireach ann an Alba aig àm uabhasach dhuilich dhi fhèin is a teaghlach.

“Tha e sgoinneil gu bheil i deònach a comas anns a’ Ghàidhlig a leasachadh ann an àrainneachd bogaidh, tarraingeach an seo aig Sabhal Mòr Ostaig. Bidh an stoidhle teagaisg againn na bhuannachd mhòr do Nika, leis gum bi oileanaich a’ fuireach agus ag ionnsachadh anns a’ chànan a bhios gan còmhdachadh fhad ‘s a tha iad còmhla rinn. Tha sinn an dòchas gur e seo dìreach fear de na ceumannan a ghabhas Nika gus a’ Ghàidhlig ionnsachadh agus piseach a thoirt air a misneachd nar cànan ciatach, beothail.” 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578