Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraid an t-Sabhail 2019



 

Cuir eag anns a’ chasa-ceangal’: Gàidhlig ga cur gu feum.

Tha sinn anabarrach toilichte gu bheil Oraid an t-Sabhail am-bliadhna stèidhichte air co-obrachadh ùr eadar Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba agus acadaimigich aig Sabhal Mòr Ostaig. Thèid an òraid a lìbhrigeadh le triùir de na sgoilearan agus eòlaichean as cliùitiche ann an cultar dùthchasach na h-Alba; na Dotairean Stuart Allan agus Dòmhnall Uilleam Stiùbhart agus leis an Ollamh Ùisdean Cheape. Dh’obraich iad còmhla air an taisbeanadh ‘Fiadhaich Glòrmhor – Seallaidhean Romansach de dh’Alba’.

“Bha e fa-near dhuinn gun dèanadh an taisbeanadh sgrùdadh às ùr air cultar dùthchasach an Linn Romansaich ann an Alba gus am faicear ciamar a ghlac Gàidhealtachd na h-Alba aire an t-saoghail ann am meadhan Linn Romansach na h-Eòrpa agus airson cnuasachadh air ciamar agus carson a chaidh ìomhaighean na h-Alba a stèidheachadh air cultar dùthchasach nan Gàidheal. Tha an taisbeanadh a’ cur a’ bheachd fon phrosbaig nach robh an sealladh romansach seo ach na rud a chaidh a chruthachadh, agus a’ taisbeanadh ciamar, tro bhrosnachadh a dh’aona-ghnothach le Gàidheil mhòra an linn, a chaidh pàirtean den chultar a ghleidheadh, a mholadh agus a dhealbhadh às ùr a rèir toil muinntir an linn agus an coimeas ri saoghal poilitigeach, eaconamach is sòisealta an latha. Bha cultar nan Gàidheal, agus a’ Ghàidhlig fhèin aig teis-meadhan an sgeòil eachdraidheil seo agus aig cridhe na tha sinn a’ taisbeanadh don luchd- tadhail.” (Dr. Stuart Allan)

Dr Stuart Allan

“Eadar cogaidhean nan Seumasach a thàinig gu crìch le call fuilteach Bhliadhna Theàrlaich, agus linn anns an deach Alba a stèidheachadh ann am mac-meanmna an t-saoghail mhòir mar thìr nam beann, nan gleann, ’s nan gaisgeach, thàinig bun-atharrachadh gu tur annasach air gnothaichean, agus an Gàidheal ga dhealbhadh mar shamhla air fèin-aithne na h-Alba, dealbh a ràinig ceithir ranna ruadh an domhain. Dh’fhaodadh e bhith nach eil an Linn Romansach a’ togail ceann ro thric ann am mac-meanmna nan Gàidheal, ach bha beachdan aig an t-sluagh ma dheidhinn, ’s iad a’ fulang fo bhuaidh atharrachaidhean eaconamach agus sòisealta nach tàinig an leithid orra a-riamh.” (An t-Oll. Ùisdean Cheape)

Bidh an òraid a’ toirt far comhair seallaidhean nan Gàidheal air a’ chuspair ‘Seallaidhean Romansach de dh’Alba’. Tha barailean diofraichte bhon àbhaist rin cluinntinn, gu h-àraid mun èideadh Ghàidhealach; mu Laoidhean na Fèinne ri linn Oisein Sheumais MhicMhuirich; mun aisling romansaich de bheanntan fo cheò – coltas bheanntan nach robh gu feum saoghail dhaibhsan a dh’fhuirich nam measg; mu chruth-atharrachadh ‘spiorad nan Gàidheal’ fo bhuaidh nam buidhnean de dhaoin’-uaisle anns na bailtean mòra. Mar phàirt den òraid, bidh Dr. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart a’ beachdachadh air dà dhealbh iomraiteach a chaidh ùisneachadh mar chùlrath don taisbeanadh: ‘A’ Bhanais Ghàidhealaich’ aig David Allan agus dealbh de chruth-tìre Ghleann Comhann le Horatio MacCulloch.

“Tha eachdraichean-ealain air a bhith a-mach air ‘A’ Bhanais Ghàidhealaich’le David Allan mar dhealbh-sgeòil a sheallas cleachdaidhean traidiseanta luchd na Gàidhlig a bha an lùib pòsaidh. Ma bheirear sùil nas dlùithe agus nas fhaiceallaiche air, ge-tà, chithear gu bheil am peantair a dh’aona ghnothaich a’ toirt seachad teachdaireachd dhòchasach don luchd-amharc mu na h-atharrachaidhean iongantach tron deach sluagh, dualchas, agus àrainneachd Sgìr’ Athall thairis air a’ ghinealach a chaidh seachad, ’s iad a’ gluasad bho linn a bha ma b’ fhìor borb, dorcha, agus ‘traidiseanta’ a dh’ionnsaigh nuadh-aimsir choimeirsealta, lìomhte deireadh an ochdamh linn deug. Air an làimh eile, tha dealbh cruth-tìre Ghleann Comhann le Horatio MacCulloch air a mheas mar shealladh gaisgeil de mhonaidhean agus de bheanntan: romansachas bho bhun gu bàrr. Ach an siud ’s an seo anns an dealbh gheibh sinn dearbhaidhean gum faodadh e bhith gur e sealladh air àrainneachd mhillte a tha san amharc don pheantair, cumha a’ caoineadh fhuadaichean agus lèirsgrios dhaoine agus dualchas. Eadar ’s gu bheil sinn a’ gabhail beachd air dòchasan Allan no air eu-dòchasan MacCulloch, tha tuairisgeulan den leithid seo, freumhaichte ann an eòlas nas doimhne mu chultar nan Gàidheal, an dà chuid nas onaraiche na anailis stèidhichte air seann ro-bheachdan caithte, agus cuideachda’ tabhann dhuinn chothroman gus sgoilearachd ùr-nodha a chruthachadh. Leis an seo, cruthaichidh sinn cunntasan nas cothromaiche mu eachdraidh na h-Alba, agus gu dearbh mun bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig an eachdraidh ud air an linn againn fhìn, agus air na linntean ri teachd.” (Dr. Dòmhnall Uilleam Stiùbhart)

Bidh Òraid an t-Sabhail ann Diardaoin 7 Samhain aig Taighean-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba ann an Dùn Èideann aig 6.30f. Tha an òraid seo an-asgaidh agus tha eadar 80 is 100 àite rim faighinn don mhòr-shluagh. Feumar a thighinn a-steach gu Taigh-tasgaidh Nàiseanta na h-Alba tron doras air Sràid Lodainn.

Tha Stiùirichean Shabhal Mòr Ostaig an taing mhòr James MacQueen Ltd, RHouse Ltd agus Phràban na Linne Earranta – The Gaelic Whiskies, agus iad air taic fhialaidh a thoirt dhuinn airson na h-Òraid Bliadhnail. 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578