Skip to content
SMO Generic Banner Image

Òraid bho eòlaiche neuro-saidheans air a’ bhuaidh th’ aig dà-chànanachas is ionnsachadh chànanan air comasan na h-eanchainn



Thadhail eòlaiche neuro-saidheans ainmeil air Sabhal Mòr Ostaig OGE o chionn ghoirid gus òraid a thoirt seachad air mar a dh’fhaodadh dà-chànanachas agus ionnsachadh chànanan buaidh a thoirt air comasan inntinn is eanchainn dhaoine.

Tha an Dr Thòmas Bak bho Oilthigh Dhùn Èideann air a bhith an sàs ann an grunn sgrùdaidhean air a’ bhuaidh a th’ aig dà-chànanachas air modhan-obrach na h-eanchainn. Tha e cuideachd air a bhith an sàs ann an rannsachaidhean a bha a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig dà-chànanachas air mar a thig dementia air daoine. San òraid aige aig an t-Sabhal, thug e iomradh air na buannachdan a gheibh daoine bho bhith ag ionnsachadh cànan eile agus bho bhith dà-chànanach.

Bha e ag ràdh gu bheil a’ chuibhle air tionndadh a thaobh nam beachdan a th’ aig daoine air dà-chànanachas. Aig aon àm bha daoine den bheachd, mus robh mòran fianais rannsachaidh ann, ma bha pàiste ag ionnsachadh cànan eile no ma bha dà chànan aca, gum faodadh sin bacadh a chur orra a thaobh mar a thigeadh iad air adhart aig aois òg. Ach san latha a th’ ann, tha pailteas dearbhaidh ann gu bheil buannachdan soilleir ann bho dhà-chànanachas a thaobh chomasan inntinn agus modhan-obrach na h-eanchainn. Cuideachd san òraid aige, thug Dr Bak iomradh air rannsachadh a tha aon de na h-oileanaich aige, Maddie Long, a’ dèanamh.

San rannsachadh aice, tha Maddie a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig ionnsachadh cànain air inbhich a tha dèanamh chùrsaichean goirid aig Sabhal Mòr Ostaig. Thuige seo tha na toraidhean rannsachaidh aice air sealltainn gun d’ fhuair na daoine a rinn cùrsa Gàidhlig fad seachdain buannachd a thaobh chomasan gus aire a chumail air nithean. Cuideachd nuair a thill i a dhèanamh sgrùdadh air na daoine sin às dèidh naoi mìosan, bha fianais ann gun robh an fheadhainn a chùm orra a’ dèanamh Gàidhlig co-dhiù còig uairean a thìde san t-seachdain a’ faighinn buannachd às fhathast.

Thuirt Maddie Long mun rannsachadh aice: “Tha an sgrùdadh a tha mi a’ dèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig a’ coimhead air a’ bhuaidh a th’ aig ionnsachadh na Gàidhlig air comasan inntinn dhaoine. Tha na toraidhean thuige seo air a bhith air leth inntinneach – às dèidh do dh’oileanaich cùrsa goirid a dhèanamh, tha sinn air piseach nach beag fhaicinn sna comasan inntinn aca a thaobh a bhith cumail aire air nithean agus cuimhne. Tha e buailteach gu bheil sin air tachairt air sàillibh na h-obrach a th’ aca ri dhèanamh ann a bhith ag ionnsachadh cànan a tha cho brìoghmhor agus dùbhlanach.”

A’ bruidhinn air an òraid, thuirt Prionnsapal na Colaiste, am Proifeasair Boyd Robasdan: “Bha e glè mhisneachail a bhith cluinntinn bhon Dr Bak mu na tha de dh’fhianais ann an-diugh air na buannachdan a tha sruthadh bho dhà-chànanachas agus mun deagh bhuaidh a th’ aig cùrsaichean goirid an t-Sabhail air comasan eanchainn nan oileanach ann an ùine cho goirid ri seachdain. Tha fhios againn bho sgrùdaidean HMI gu bheil oileanaich a’ meas gu bheil iad a’ faireachdainn buannachdan sòisealta is inntinn bho na cùrsaichean goirid agus tha sinn a’ coimhead air adhart ri tuilleadh dearbhaidh bho thoraidhean an rannsachaidh aig Maddie Long a tha leantainn tron t-samhradh.”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578