
Plana Lùghdachadh Carbon.
Chaidh gabhail an t-seachdain seo leis an Carbon Trust ri Plana Lùghdachadh Carbon na colaiste a tha ag amas air na tha sinn a’ cruthachadh de thruailleadh carbon dioxide (CO2) a lùghdachadh 20% ron bhliadhna 2015.
Tha an Carbon Trust air a mhaoineachadh leis an Riaghaltas gus taic a chumail ri buidhnean poblach a-rèir amas Riaghaltas na h-Alba gus lùghdachadh de 80% ann an truailleadh carbon na dùthcha a choileanadh ro 2050.
Chaidh obair a’ Phlana a dhèanamh thairis air na sia mìosan a dh’fhalbh agus chithear san dealbh Dòmhnall Angaidh a’ togail teisteanas na colaiste bho Manaidsear an Carbon Trust an Alba, Paul Wedgwood.
Tha Buidheann Àrainneachd an t-Sabhail air coinneachadh dà thuras gu ruige seo agus tha am Plana a’ comharrachadh pròiseactan gus carbon is cosgaisean a shàbhaladh a-rèir am fiosrachadh a leanas bhon rannsachadh a chaidh a dhèanamh air mar a chaidh dhuinn ann an 2009:
– chruthaich obair na colaiste 442 tunnaichean de CO2 sa bhliadha – 399 tro teas is solas ri togalaichean, 22 tro siubhal an luchd-obrach nan caraichean fhèin, 19 tro bhith a’ cumail uisge rinn, agus 3 tro na tha sinn a’ cruthachadh de sgudal;
– chosg a’ cholaiste sa bhliadhna £143,000 air gas, dealan agus fiodh; £27,000 air cosgaisean siubhail don luchd-obrach nan caraichean fhèin; £3,400 air seirbheis uisge; agus £12,077 air na chaidh a thogail bhuainn de sgudal.
Bidh am Plana Lùghdachadh Carbon ri fhaicinn a dh’aithghearr air làrach-lìn na colaiste. Tòisichidh cuideachd sreath choinneamhan den Bhuidheann Àrainneachd le cuireadh don a h-uile duine againn pàirt a ghabhail ann a bhith a’ gluasad air na targaidean a tha romhainn.