Pròiseact Soillse a’ fastadh Proifeasair Rannsachaidh ùr
Chaidh an Dr Rob Dunbar ainmeachadh mar Proifeasair Rannsachaidh do phròiseact nàiseanta rannsachadh na Gàidhlig, Soillse. Tha an Dr Dunbar na àrd-òraidiche ann an Lagh is Ceiltis an-dràsta an Oilthigh Obar Dheathain is tòisichidh e san dreuchd ùir air an 7 den t-Sultain.
Bidh Soillse a’ co-eagrachadh is a’ leasachadh rannsachadh sna raointean riatanach airson an cànan a bhrosnachadh, a leithid sgaoileadh a’ chànain eadar ginealaichean, cleachdadh is poileasaidh cànain ann am foghlam Gàidhlig agus sgrùdadh poileasaidhean Riaghaltais air ath-bheothachadh na Gàidhlig.
Bidh an Dr Dunbar os cionn sgioba rannsachaidh nàiseanta anns am bi ceathrar Àrd-Rannsaichean, Òraidiche agus naoinear oileanach PhD stèidhichte anns na h-ionadan com-pàirteachaidh air feadh na h-Alba,’s iad sin Sabhal Mòr Ostaig OGE is Colaiste a’ Chaisteil OGE à lìonra Oilthigh na Gàidhealtachd, agus Oilthighean Obar Dheathain, Dhùn Èideann is Ghlaschu. Bidh an dreuchd stèidhichte aig Sabhal Mòr Ostaig OGE san Eilean Sgitheanach.
Tha an Dr Dunbar fileanta sa Ghàidhlig agus tha e aithnichte gu h-eadar-nàiseanta mar eòlaiche air poileasaidh is dealbhadh nam mion-chànain, gu h-àraid air cleachdadh an lagha airson dìon mhion-chànain ann an siostaman lagha eadar-nàiseanta is nàiseanta.
Tha e na eòlaiche aig a’ Chomhairle Eòrpaich, is bidh e ag obair do Rùnaireachd Chùmhnant Eòrpach nan Cànan Sgìreil is nam Mion-Chànan. Tha e na Àrd Chom-pàirtiche Rannsachaidh aig an Ionad Eòrpach airson Cùisean na Beagchuid (ECMI), ann am Flensborg, a’ Ghearmailt. Tha e air comhairle a thoirt do riaghaltasan, buidhnean còraichean a’ chinne-daonna, agus buidhnean neo-riaghaltasach ann an iomadh dùthaich air cànanan is cùisean a’ chinne-daonna, agus tha e na còmhairliche sònraichte do Sheanadh na Cuimrigh air na laghan cànain san fhradharc air a bheil an Seanadh a’ gabhail beachd an-dràsta. Tha e na bhall de Bhòrd na Gàidhlig agus air bòrd MG ALBA, agus tha e air iomadh leasachadh riatanach don Ghàidhlig a chur an gnìomh a thaobh poileasaidh cànain san deich bliadhna a dh’fhalbh.
Buinidh an Dr Dunbar do Chanada bho thùs, is choisinn e ceumannan ann an Oilthigh Thoronto (M.A.), Sgoil Lagha Osgoode Hall (LL.B.), Sgoil Eaconamais Lunnainn (LL.M.), is Oilthigh Dhùn Èideann (Ph.D.). Mus tàinig e a dh’Alba, bha e ag obair fad iomadh bliadhna do Fasken Martineau, tè de na companaidhean lagha as motha an Canada.
Chuir am Proifeasair Boyd Robasdan, Prionnsapal Sabhal Mòr Ostaig OGE, fàilte is furan air fastadh an Dr Dunbar:’Tha sinn fìor thoilichte sgoilear cho iomraiteach fhastadh airson prògram rannsachaidh Soillse a stiùireadh. Tha am Proifeasair Dunbar aithnichte mar eòlaiche eadar-nàiseanta air cùisean cànain agus air planadh cànain agus bheir e farsaingeachd de dh’eòlas air sòiseo-cànanachas agus air lagh eadar-nàiseanta dhan dreuchd. Gheibh Sabhal Mòr buannachd mhòr às an t-suidheachadh dreuchd seo an dà chuid a thaobh a bhith a’ togail chomasan rannsachaidh agus ann a bhith a’ cur ri aithne agus seasamh na Colaiste ann an rannsachadh.’
Thuirt Seumas Friseil, Prionnsapal OGE: “Tha sinn air leth toilichte fàilte a chur air an Dr Dunbar don phròiseact agus tha e riatanach gu bheilear air cuideigin aig fìor àrd-ìre fhastadh airson Soillse. Aig OGE, tha sinn dealasach airson na Gàidhlig. Tha a’ Ghàidhlig na pàirt chudromach de chultar na Gàidhealtachd agus nan Eilean agus mar sin bidh àite cudromach aice ann an leasachadh OGE san àm ri teachd.’
Thuirt an Dr Dunbar:’Tha e na thlachd dhomh gum bi mi an sàs ann an Soillse chun na h-ìre sa, agus’s e urram mòr a th’ ann dhomhsa gun deach m’ fhastadh san dreuchd chudthromaich seo. Tha e fa-near dhomh gun cùm mi taic ri sgioba Soillse ann a bhith a’ solar obair fheumail a ghabhas a chleachdadh le coimhearsnachdan Gàidhlig agus an luchd-poileasaidh a nì na co-dhùnaidhean a bheir buaidh air na coimhearsnachdan sin, agus obair a bhios aig na h-ìrean sgoileireil as àirde agus a bhios cudthromach gu h-eadar-nàiseanta.’
Thuirt am Proifeasair Urramach Richard Johnstone, stiùiriche an sgioba a stèidhich Soillse:’Tha mi a’ cur fàilte bhlàth air an fhastadh seo.’S e stèidheachadh sàr chomasan rannsachaidh eadar-nàiseanta a tha fa-near do lìonra Soillse, a chumas taic ri glèidheadh is ath-bheothachadh na Gàidhlig, agus tha làn earbsa agam anns na sgilean stiùiridh is eadar-pearsanta aig an Dr Dunbar airson dleastanasan na dreuchd cudthromaich seo a choilionadh.’