Skip to content
SMO Generic Banner Image

Sabhal Mòr a’ cur taic ri iomairt gus nach bi tinneas-inntinn na adhbhar nàire do dhaoine



Bha riochdairean bho Sabhal Mòr Ostaig ann an Inbhir Nis Dihaoine (9mh Màrt) gus an làmh a chur ri gealltanas a tha mar phàirt den iomairt’˜seall ormsa’ no’˜see me’™. Tha’˜seall ormsa’ ag iarraidh air buidhnean oidhirp a dhèanamh gus nach bi tinneas-inntinn na adhbhar nàire tuilleadh agus gus nach bi daoine a’ toirt leth-bhreith air neach sam bith air sgàth thinneasan-inntinn.

Tha an gealltanas agus am plana-gnìomha a thig na chois a’ ciallachadh gum bi a’ cholaiste Ghàidhlig a’ dèanamh oidhirp gus dèanamh cinnteach nach bi tinneas-inntinn na adhbhar nàire do dhaoine a tha fulang leis. Bidh an gealltanas seo agus an obair a tha na lùib follaiseach an dà chuid do luchd-obrach, oileanaich agus daoine eile a bhios a’ dèiligeadh ris a’ cholaiste.

Tron iomairt thathar an dòchas nach bi daoine a’ faireachdainn gur e rud nàrach a th’ ann an tinneas-inntinn agus air sgàth sin gum bi iad nas deònaiche taic a shireadh ma tha iad a’ fulang le tinneas-inntinn. Na h-obair agus na gnìomhan nì a’ cholaiste oidhirp gus an teachdaireachd seo agus fiosrachadh iomchaidh eile a sgaoileadh.

Bha Sheila Hamilton, Ceannard Seirbhisean Taic nan Oileanach, agus Nicola NicThòmais, Ceannard Ghnothaichean Corporra bhon t-Sabhal Mhòr an làthair aig an Stadium ball-coise aig Inverness Caledonian Thistle Dihaoine sa chaidh còmhla ri riochdairean bho ghrunn bhuidhnean eile gus làmh a chur ris a’ ghealltanas. Am measg nam buidhnean eile a chuir làmh ris, bha Comhairle na Gàidhealtachd, NHS na Gàidhealtachd, Oifis Stiùiridh OGE, Colaiste Inbhir Nis, Inverness Caledonian Thistle, Poileas a’ Chinn a Tuath agus Colaiste na Gàidhealtachd an Iar.

Thuirt Sheila Hamilton:’Tha sinn gu math toilichte gu bheil Sabhal Mòr Ostaig a’ faighinn cothrom a bhith an sàs san iomairt chudromach seo ag obair còmhla ri’seall ormsa’ an aghaidh leth-bhreith air daoine le duilgheadasan slàinte inntinn. Tha sinn ag amas air àrainneachd a tha fosgailte agus far a bheil fàilte ga chur air duine sam bith, a dh’™aindeoin duilgheadasan slàinte inntinn.’

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578