Skip to content
SMO Generic Banner Image

Seachdain nan Gaisgeach ann an Slèite: Sabhal Mòr Ostaig a’ cur fàilte air Ulidia Finn 2018



An t-seachdain seo, airson a’ chiad uair bidh Sabhal Mòr Ostaig, an co-bhuinn ris na roinnean Ceilteach eile ann an oilthighean na h-Alba, Dùn Èideann, Glaschu, agus Obar Dheathain, a’ cumail co-labhairt mhòr eadar-nàiseanta coisrigte dha na h-òrain, na sgeulachdan, agus an dualchas mu bhlàir agus mu euchdan nan seann ghaisgeach Gàidhlig Cù Chulainn agus Fionn mac Cumhail, an caraidean, an càirdean, an cèilean-pòsta, an leannain, agus an nàimhdean. Bidh mu 70 luchd-frithealaidh bho dhusan dùthchannan eadar-dhealaichte a’ tighinn còmhla gus beachdachadh air na sgeulachdan agus na dàintean gaisgeil a bh’ aig teis-meadhan dualchas Gàidheil na h-Alba agus na h-Èireann airson còrr agus mìle bliadhna. Tro na mòr-dhàintean connspaideach Oiseanach a sgrìobh Seumas MacMhuirich no James Macpherson, bhrosnaich na sgeulachdan ud an gluasad Romansach air feadh na Roinn-Eòrpa, agus tha buaidh iongantach air a bhith aca air litreachas an t-saoghail suas chun an latha an-diugh.

Anns na pàipearan aca, bheir na sgoilearan sùil air làmh-sgrìobhainnean agus air clàraidhean beul-aithris de na sgeulachdan ’s na h-òrain, cho math ri eachdraidhean-beatha an luchd-cruinneachaidh, agus sreath de chuspairean diofraichte eadar fhèilltean-dibhe, bhoireannaich os-nàdarra, thòimhseachain-gaoil, na gall-òglaich Ghàidhealach, agus an iomadach àite a chaidh ainmeachadh air na gaisgich air feadh saoghal nan Gàidheal. A-thaobh tìm, bidh cuspairean sgaoilte eadar miotasan ro-Chrìosdaidh nan Èireannach, tro na Meadhan Aoisean nuair a bha na sgeulachdan aig an làn àirde, suas gu ruige na dealbhan beò nar linn fhìn. Bidh ùidh shònraichte aig eileanaich anns an rannsachadh mun bhànrighinn ghaisgeil anns na sgeulachdan d’am b’ ainm Sgàthach, an tè ma b’ fhìor bhon d’fhuair Cù Chulainn a thrèanadh anns a’ chaisteal aice ann an Slèite.

Cuideachd aig a’ cho-labhairt cuirear fàilte air làraich-lìn ùir leis an Oll. Domhnall Meek far am faigh am mòr-shluagh air a’ chiad uair cothrom sùil mhionaideach a thoirt air fear de na cruinneachaidhean as iongantaiche de dhàintean gaisgeil ann an litreachas nan Gàidheal, Leabhar Dheadhain Lios Mòr bhon t-siathamh linn deug. Air feasgar Dhiardaoin aig 8f bidh cothrom sònraichte ann a dhol a dh’èisteachd ri fear de na laoidhean as cudromaiche san dualchas, Bàs Chonnlaoich, air a thaisbaneadh air an àrd-ùrlar le dithis de na rionnagan as àirde cliù air a’ Ghàidhealtachd, an seinneadair Maighread Stiùbhart, agus an sgeulaiche Pàdruig Moireasdan.

Thuirt Abigail Burnyeat bho Oilthigh Dhùn Èideann, tè den fheadhainn air cùl na co-labhairt, ‘’S e cothrom barraichte a th’ ann an Ulidia Finn sùil nas dlùithe a thoirt air traidisean a tha air mairsinn còrr math agus mìle bliadhna, fìor neamhnaid ann an dualchas na h-Alba agus na h-Èireann. Tha e sgoinneil gu bheil na roinnean Ceilteach uile ann an Alba air obrachadh còmhla, gun do tharraing iad sgoilearan bho air feadh an t-saoghail a bhruidhinn mu na sgeulachdan seo ann an sgìre a tha ceangailte cho dlùth riutha. Tha e a’ toirt togail mhòr dhuinn uile a bhith ann.’

Thuirt Prionnsabal an t-Sabhail Mhòir, Boyd Robasdan, ‘Tha sinn uabhasach toilichte gu bheil co-labhairtean sgoilearach leithid Ulidia Finn a’ tachairt anns a’ cholaiste. Tha iad a’ cur gu mòr ri àrainneachd rannsachaidh an t-Sabhail agus tha iad a’ brosnachadh barrachd cnuasachd air eileamaidean cho prìseil de ar dualchas. Agus tha iad feumail cuideachd mar mheadhan air eòlas luchd-rannsachaidh a thaisbeanadh dha muinntir na Gàidhealtachd.’

Ma tha sibh airson a dhol ann, cosgaidh tiogaidean-latha dhan choimearsnachd £25 (£20 oileanaich/gun tuarasdal). Bidh tiogaidean airson Bhàs Chonnlaoich rim faighinn aig an doras air an oidhche (£5, daoine òga an asgaidh). Barrachd fiosrachaidh air www.ulidiafinn2018.scot.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578