Seiseanan an t-Sabhail
Tha sinn a’ sireadh na leanas: luchd-ciùil òg, seinneadairean, còmhlanan-ciùil, riochdairean, DJan, luchd-ealain fuaime, pod-chraoladairean, luchd-film agus sgrìobhadairean-ciùil! Ciamar a chòrdadh trì làithean an asgaidh riut is tu ag obair ann an stiùidio clàraidh cuide ri einnseanair fuaime no riochdaire proifeiseanta? Nan còrdadh, nach cuir thu do bheachd-smuain dha Seiseanan an t-Sabhail / Big Barn Sessions airson cothrom air 3 làithean de dh’ùine stiùidio an asgaidh fhaighinn aig Stiùidio Ostaig anns an Eilean Sgitheanach.
Tha am pròiseact Seiseanan an t-Sabhail / Big Barn Sessions a’ tairgsinn a’ chiad sheisein clàraidh do dhaoine òga ann an stiùidio clàraidh proifeiseanta. Tha 6 seiseanan ri fhaighinn uile gu lèir agus gach seisean a’ mairsinn 3 làithean is iad air am maoineachadh le Alba Chruthachail agus Youth Music Initiative agus le taic Stiùidio Ostaig / Shabhal Mòr Ostaig. Gabhar ri iarrtasan aig duine sam bith eadar 16-25 bliadhna a dh’aois a tha a’ fuireach air a’ Ghàidhealtachd no anns na h-Eileanan agus a tha na neach-ciùil no ann an còmhlan-ciùil nach do chlàraich sìan gu proifeiseanta gu ruige seo. Bithear a’ meas an luchd-iarrtais a rèir an cuid cruthachalachd, chomasan, tùsalachd agus dealais, agus cuirear prìomhachas air daoine aig am biodh duilgheadas cothrom fhaighinn air stiùidio a chleachdadh gu h-àbhaisteach agus do dhaoine nach eil ann am foghlam làn-ùine. Tha taic airgid ri faighinn cuideachd a chumadh taic ri daoine nam biodh àite-fuirich agus còmhdhail a dhìth orra.
Tha 11 duine/chòmhlan air an cothrom seo a ghabhail bho 2014, a leithid:
– Ellen NicDhòmhnaill, a tha a’ seinn anns a’ chòmhlan Gàidhlig ainmeil, Dàimh
– Ros T, a tha na riochdaire òg às an Eilean Sgitheanach a mheasgaich òran san stiùidio, a chaidh sgaoileadh air Eton Messy à Lunnainn
– Rhuvaal, a chlàraich a’ chiad òran singilte aca cuide rinn ann an 2017
Tha an tuilleadh fiosrachaidh ri fhaighinn an seo.
Iarrtasan:
Cuir post-d gu hec.macinnes@gmail.com agus’BBS 2018′ mar loidhne cuspair, agus freagair na ceistean a leanas:
Dè an t-ainm a th’ ort / a th’ air a’ chòmhlan agad / air a’ bhuidhinn agad?
A bheil còrr is aon duine ann, ma tha, dè an t-ainm a th’ air na daoine eile a tha an sàs?
Dè an aois a tha thu?
Càit a bheil thu a’ fuireach?
Innis dhuinn beagan mun cheòl /mun fhuaim / mun obair agad? Cò ris a tha e coltach?
Innis dhuinn mu na choisinn thu gu ruige seo.
Dè dhèanadh tu le 3 làithean san stiùidio?
An dèidh an t-seisein agad san stiùidio, dè nì thu leis na clàraidhean, leis a’ cheòl agus leis na sgilean ùra agad?
Càit an cluinn sinn beagan den obair agad? A bheil làrach-lìn/Soundcloud agad? Am b’ urrainn dhut òran a chlàradh dhuinn air a’ fòn agad?
Ma tha ceist sam bith agad nach cuir thu post-d gu Hector MacAonghais aig hec.macinnes@gmail.com no cuir fòn dha air 07747148465