Obair luchd-ealain an t-Sabhail Mhòir ga taisbeanadh aig Acadamaidh Rìoghail na h-Alba
Tha ceathrar luchd-ealain a tha air a bhith air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig a’ sealltainn na h-obrach aca ann an Acadamaidh Rìoghail na h-Alba ann an Dùn Èideann an-dràsta mar phàirt den taisbeanadh, “Resident 13”.
Tha an taisbeanadh a’ sealltainn obair bho cuid den luchd-ealain as fheàrr a tha air a bhith an sàs sna Prògraman Luchd-ealain air Mhuinntireas aig an Acadamaidh agus sna Prògraman a chuir an Acadamaidh air chois ann an co-bhuinn ri buidhnean eile.
Chithear an taisbeanadh sna Gailearaidhean Ìosail aig an RSA far am bi filmichean, obair-shnaidhte, dealbhan, ealain fhiosaigeach agus dealbhan camara uile gan sealltainn. San taisbeanadh dh’iarr Acadamaidh Rìoghail na h-Alba air luchd-ealain bho thrì prògraman fa leth an obair aca a thaisbeanadh: Prògram RSA na h-Alba, Prògram Sabhal Mòr Ostaig agus Prògram Sgoilearachd John Kinross aig an RSA a bhios a’ tadhal air Firenze san Eadailt. ’S iad an ceathrar luchd-ealain bho SMO a chaidh a thaghadh airson an taisbeanadh: an dealbhadair Alex Boyd a tha an-dràsta na Neach-ealain air Mhuinntireas aig SMO, Mhàiri Killin, Jessica Ramm agus Aileen Stackhouse.
Thuirt an t-Oifigear Leasachaidh Ealain aig Sabhal Mòr Ostaig, Kath NicLeòid: “Tha an obair leis a’ cheathrar luchd-ealain bho SMO a tha ga thaisbeanadh gu math cumhachdach agus tha dreach eadar-dhealaichte air obair gach duine dhiubh. Tron phrògram air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, Cinn-uidhe Chruthachail, a gheibh taic bho Alba Chruthachail, tha sinn a’ toirt dachaigh agus ùine do luchd-ealain a bheir cothrom dhaibh obair air leth sònraichte a dhèanamh agus ealain fìor mhath a thoirt gu buil. Tha e a’ toirt misneachd mhòr dhuinn gu bheil cànan is cultar na Gàidhlig air a riochdachadh chun na h-ìre agus a tha iad ann an nuadh ealain na h-Alba.”
Bidh an taisbeanadh ri fhaicinn gu 27 Dàmhair.