Stiùiriche Ùr airson Pròiseact Dualchais Nàiseanta
Chaidh Flòraidh Forrest a thaghadh mar Stiùiriche ùr Tobar an Dualchais. Tha am pròiseact nàiseanta seo air a bhith a’ ruith aig Sabhal Mòr Ostaig fad 13 bliadhna ann an compàirteachas le tasglannan Sgoil Eòlais na h-Alba (Oilthigh Dhùn Èideann), Urras Nàiseanta na h-Alba agus BBC Alba.
Thuirt Cathraiche a’ phròiseict, Donnie Rothach: “Tha sinn air leth thoilichte fàilte a chur air Flòraidh dhan dreuchd inntinneach seo, le a cuid eòlais is ùidh anns a’ phròiseact againn. Tha Tobar an Dualchais air leth chudromach mar ghoireas dualchas cultarail na h-Alba agus mar thasglann nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bidh cothrom aig Flòraidh togail air an obair ionmholta a rinn Mairead Dhòmhnallach bhon a thòisich e, ‘s i fhèin a’ leigeil dhith a dreuchd aig deireadh an Ògmhios.”
Thuirt Flòraidh: “ ‘S e cothrom air leth tha seo dhomhsa na sgilean ‘s an t-eòlas agam, gu h-àraid le òigridh is teicneòlas ùr, a chur gu feum ann a bhith a’ neartachadh cheanglaichean le na coimhearsnachdan Gàidhlig, feuch an cùm na clàraidhean orra a bhith cho cudromach do dhaoine sam àm ri teachd sa bha iad nuair a chaidh an togail an toiseach.”