Iris ùr Ghàidhlig – Tuath
Thèid iris ùr Ghàidhlig Tuath a chur air bhog feasgar Diciadain 12 Giblean 4f san Atrium aig Àrainn Chaluim Chille, Sabhal Mòr Ostaig le leughaidhean bho Mhaoilios Caimbeul agus bho Choinneach Lindsay. Bidh leughaidhean ann cuideachd bho Bhoyd Robasdan, Iain Urchardan, Jo NicDhòmhnaill agus bho Mhaoilios Caimbeul mar chuimhneachan air Dòmhnall MacAmhlaigh a chaochail o chionn ghoirid. Ron chur-air-bhog, aig 2.30f, bidh bùth-obrach aig deasaiche Tuath, Rody Gorman, ann an Leabharlann an t-Sabhail far am bi e a’ sealltainn air duanagan beaga Gàidhlig coltach ri haiku agus a’ cuideachadh dhaoine gus feadhainn ùra chruthachadh.
Tha seo fosgailte dhan a h-uile duine, do dh’oileanaich, do luchd-obrach agus do mhuinntir an àite agus ma tha ùidh agaibh ann, dìreach nochdaibh aig an Leabharlann aig an àm. Bidh biadh is deoch aig a’ chur-air-bhog agus bidh fàilte ron a h-uile duine.