Skip to content
Picture of Oliver

Oliver Mezger

Chaidh Oliver Mezger ainmeachadh mar an neach-ealain Sabhal Mòr Ostaig fo Sgoilearachd Jon Schueler ann an 2015. Tha ainm aig Oliver mar neach-ealain ùr-nòsach is innealta a bhios a’ cleachdadh mheadhanan leithid film is cleasachd agus na meadhanan didseatach. Tha Oliver stèidhichte ann an Alba agus tha e air grunn thaisbeanaidhean a chur air dòigh bho dh’fhàg e Sgoil Ealain Ghlaschu ann an 2006 far an do rinn e Ceum Maighstireil sna h-Ealain Ghrinn.

Chaidh Oliver Mezger, a’ chiad duine a tha stèidhichte ann an Alba a tha air an sgoilearachd seo fhaighinn, a roghnachadh bho am measg 406 luchd-ealain a chuir a-steach air a shon bho air feadh an t-saoghail. Tha cliù na sgoilearachd a’ sìor dhol am meud agus tha e a’ tarraing luchd-ealain aig a bheil ùidh sa Ghàidhealtachd agus an t-àite a th’ againn san t-saoghal mhòr san latha an-diugh. Tha iad cuideachd a’ faicinn gu bheil cothrom air leth ann iad fhèin a bhogadh ann an coimhearsnachd, cànan, tìr agus cultar na sgìre agus tha cothrom aca air na goireasan barraichte a th’ againn an seo aig Sabhal Mòr Ostaig airson luchd-ealain.

A’ bruidhinn air an ùine aige aig Sabhal mòr Ostaig, thuirt Oliver gu robh e air a dhòigh glan an cothrom seo fhaighinn. “Bha e fìor mhath ùine a chur seachad a’ cnuasachd air bàrdachd Ghàidhlig is ceòl na pìoba ann an doimhneachd còmhla ri oileanaich is luchd-rannsachaidh aig Sabhal Mòr Ostaig. Ann a bhith a’ dèanamh oidhirp Ceòl Mòr a thuigsinn is a thaisbeanadh ann an dòigh a tha freagairt air an latha an-diugh, chur mi ceistean san ùine agam ann an Slèite – mar neach-ealain a bhios a’ dèanamh feum de dh’fhilm is cleasachd – a thaobh ciamar a bha mi a’ dol a shealltainn, tro na h-ealain lèirsinne, mar a tha sinn fhathast san linn dhidseatach a’ faireachdainn faisg air na seann ealain ach aig an aon àm a’ faicinn gu bheil iad eadar-dhealaichte bho na th’ againn an-diugh.”

Fhuair Oliver an Duais RSA Morton 2013/14 o chionn ghoirid airson luchd-ealain a tha ag obair ann an Alba le meadhan far a bheil iad a’ cleachdadh lens. Leis an duais sin, chaidh aig Oliver air an obair ‘Air Sgàth – For the sake of Margaret Tait’ a dhèanamh le film is dealbhan. Thug e dà bhliadhna dha crìoch a chur air agus e a’ freagairt air a’ film a rinn Margaret Tait, ‘Caora Mòr – The Big Sheep’ ann an 1966.

Thèid Sgoilearachd Jon Schueler a bhuileachadh air neach-ealain eadar-dhealaichte gach bliadhna agus b’ e Takeshi Shikama à Iapan a’ chiad neach-ealain a fhuair an sgoilearachd ann an 2013, agus an uair sin ann an 2014 bha an neach-ealain fuaime Helmut Lemke às a’ Ghearmailt air mhuinntireas aig a’ Cholaiste leis an sgoilearachd. ’S e com-pàirteachas eadar-nàiseanta, sònraichte a th’ ann an Sgoilearachd Jon Schueler eadar Sabhal Mòr Ostaig OGE agus Urras Jon Schueler, le taic bho Acadamaidh Rìoghail na h-Alba, agus tha e a’ cur ris a’ phrògram air mhuinntireas a tha mu thràth air a ruith le SMO, le taic bho Alba Chruthachail, airson sgrìobhadairean Gàidhlig, luchd-ciùil, luchd-ealain lèirsinne agus luchd-dràma Gàidhlig. Bidh an sgoilearachd a’ ruith gu 2016. Chaidh a stèidheachadh gus comharra a dhèanamh agus cuimhne a chumail air beatha, obair agus buaidh an neach-ealain chliùitich, eadar-nàiseanta agus a’ pheantair eascruthaich, Jon Schueler (1916-1992), agus airson aithne a thoirt dhan dlùth-chàirdeas a bh’ aige le cruth-tìre agus àrainneachd na Linne Slèitich.

Chaidh co-labhairt is taisbeanadh a chumail gus beatha Jon Schueler a chomharrachadh eadar 27-29 Cèitean 2016 aig Sabhal Mòr Ostaig, ceud bliadhna bho rugadh Schueler.

 

  Aithisg Sgoilearachd Jon Schueler 2015 “parallels”  le Oliver Mezger

Airson tuilleadh fios air an obair a rinn Oliver aig Sabhal Mòr Ostaig, rach gu:  http://ohvmezger.co.uk/

Chithear an seo film ghoirid a chruthaich Oliver – “foghar – noise, sound, note, blow” https://vimeo.com/169000680

 

Picture of a hand
Picture of a tree trunk
Picture from a video
oliver-video-still3

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578