
Pàrantachadh Corporra
Taic do dhaoine òga fo chùram agus dhaibhsan a tha a’ fàgail cùraim
Tha Sabhal Mòr Ostaig dealasach a thaobh àrainneachd ionnsachaidh shàbhailte is thaiceil a thoirt don a h-uile pàiste is neach òg a tha clàraichte mar oileanaich SMO a tha air a bhith fo chùram, a bheir comas dhaibh an cùrsa a choileanadh agus am brosnachadh airson na comasan aca a choileanadh. Mar Phàrant Corporra, feuchaidh a’ Cholaiste ri dèanamh cinnteach gu bheil siostaman taic iomchaidh ann airson na buidhne seo de chloinn is dhaoine òga.
Mar a chaidh a ràdh gu h-àrd, tha sinn mothachail gur dòcha gum feum daoine òga a tha fo chùram, no a dh’fhàg cùram, taic a bharrachd airson faighinn tro bheatha na Colaiste agus mholamaid fios a leigeil dhuinn ma tha thu nad neach fàgail cùraim gus an urrainn dhuinn cuideachadh a thabhann agus taic a thoirt dhut tron ùine agad sa Cholaiste. . Is e eisimpleirean de chùram; cùram còmhnaidheach, cùram altraim agus cùram dàimh (fo chùram caraidean no càirdean a bharrachd air pàrantan).
Ma bheir thu am follais san fhoirm tagraidh UCAS no Oilthigh agad gu bheil thu nad neach fàgail cùraim, faodaidh sinn fios a chur thugad agus taic a thabhann mus tòisich thu air a’ chùrsa agad. Is dòcha gu bheil thu a’ smaoineachadh nach eil feum agad air taic sam bith ach ma dh’atharraicheas seo aig àm sam bith, tron ùine thagraidh no aig àm sam bith tron chùrsa agad, na bi leisg gu fios a chur gu Seirbheisean Oileanach.
Seo cuid den taic a bharrachd a bheir an sgioba Sheirbheisean Oileanach againn seachad:
- Comhairle Ionmhais
- Cuideachadh le bhith a’ socrachadh ann am beatha na Colaiste
- Taic gus am faigh thu nas urrainn dhut à beatha oileanach
- Comhairle agus stiùireadh coitcheann, a’ toirt a-steach comhairle mu dhreuchdan, àiteachan-fuirich, comhairleachadh agus taic ionnsachaidh a bharrachd ma tha sin iomchaidh
Seo ceanglaichean a dh’fhaodadh a bhith feumail:
Gheibh thu fiosrachadh feumail air duilleag Luchd fàgail cùraim OGE
Pàrantachadh Corporra – Taic do dhaoine òga fo chùram agus dhaibhsan a tha a’ fàgail cùraim