Skip to content

PLANA NA GÀIDHLIG 2017–22

Tha e a’ toirt toileachas dhuinn a bhith a’ cur an dàrna Plana Gàidhlig a rinneadh leis a’ Cholaiste fa ur comhair. Tha àite sònraichte aig Sabhal Mòr Ostaig ann an saoghal na Gàidhlig mar an t-Ionad Nàiseanta airson Cànan agus Cultar na Gàidhlig agus mar chom-pàirtiche ann an Oilthigh na Gàidhealtachd is nan Eilean. ’S e ath-bheothachadh na Gàidhlig màthair-adhbhar an t-Sabhail agus tha a’ Ghàidhlig aig cridhe na Colaiste.

Tha am plana seo ga fhoillseachadh aig an aon àm ri Ro-innleachd ùr na Colaiste (2017–22) agus ris an treas Plana Nàiseanta Gàidhlig aig Bòrd na Gàidhlig (2017–22), agus tha dlùth-dhàimh eatarra. Mar Ionad Nàiseanta na Gàidhlig agus mar phrìomh ionad ionnsachaidh is cleachdaidh a’ chànain, tha comas againn mòran de dh’amasan a’ Phlana Nàiseanta a lìbhrigeadh. Le luchd-obrach eòlach, ealanta agus le goireasan barraichte, tha sinn làn-uidheamaichte airson a bhith a’ neartachadh suidheachadh a’ chànain ann am foghlam, sna h-ealainean, sna meadhanan, ann an coimhearsnachdan agus ann an leasachadh eaconamach.

Bidh sinn a’ cleachdadh na Gàidhlig mar chànan làitheil an àit’-obrach, mar mheadhan conaltraidh agus mar mheadhan teagaisg, ionnsachaidh, rannsachaidh is trèanaidh. Tha gach cùrsa a bhios a’ Cholaiste a’ tabhann air a theagasg tron Ghàidhlig, nì a tha gar dèanamh eadar-dhealaichte bho ionad foghlaim treas-ìre sam bith eile san dùthaich. Tha poileasaidh Gàidhlig làidir agus brìoghmhor aig a’ Cholaiste, stèidhichte air feallsanachd agus prionnsapail dealbhadh cànain agus tha bun-structar againn airson a’ phoileasaidh sin a chur an gnìomh.

Tha am plana ùr seo a’ soilleireachadh mar a bhios Sabhal Mòr Ostaig a’ cur a’ chànain gu feum mu thràth agus ag innse dè tha dùil againn a dhèanamh sna làithean ri teachd gus togail air ìre follaiseachd is cleachdadh na Gàidhlig. Tha earrann sa phlana a bhios a’ sealltainn mar a tha sinn am beachd na cùrsaichean is na modalan a bhios sinn a’ tairgsinn ann an Gàidhlig a leudachadh. Ged a tha inbhe nàiseanta is eadar-nàiseanta aig Sabhal Mòr Ostaig, tha sinn a’ creidsinn gu mòr ann an com-pàirteachas is co-obrachadh, agus bidh sinn ag obair gu dlùth ris an riaghaltas, ri Bòrd na Gàidhlig, ri comhairlean ionadail agus ri ionadan is buidhnean poblach eile gus ar rùintean a choileanadh agus gus am Plana Gàidhlig ùr seo a chur gu buil.

  Plana Gàidhlig 2017-22

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578