Skip to content

PRÒISEACTAN RANNSACHAIDH

Tha a’ Cholaiste an sàs ann an iomadh pròiseact rannsachaidh a leithid Ionad Nàiseanta na h-Imrich agus Soillse, iomairt nàiseanta a tha a’ tarraing OGE agus oilthighean Obar Dheathain, Ghlaschu agus Dhùn Èideann cruinn còmhla.

Tha caochladh phròiseactan cultarach is cruthachail stèidhichte san togalach, Sealladh is Young Films, Tobar an Dualchais, Faclair na Gàidhlig agus Lèirsinn nam measg. Gheibhear fiosrachadh a bharrachd mu gach pròiseact gu h-ìosal.

Tobar an Dualchais – Kist o Riches

Se pròiseact air-loidhne a th'ann an Tobar an Dualchais a tha air iomadh mìle uair a thìde de chlàran-fuaim Gàidhlig is Albais a ghleidheadh ann an cruth didseatach.

Ainmean-Àite na h-Alba

Com-pàirteachadh nàiseanta airson comhairle a chumail air ainmean-àite Gàidhlig na h-Alba.

Faclair na Gàidhlig

'S e amas an iomairt faclair eachdraidheil Gàidhlig a chruthachadh a bhios cho math ri na faclairean tomadach eachdraidheil a th' againn ann an Albais agus ann am Beurla.

Clò Ostaig

Is e Clò Ostaig clò Shabhal Mòr Ostaig a thòisich gu slaodach sna h-ochdadan agus thàinig a’ chiad leabhar a-mach ann an 1981.

PRÒISEACTAN RANNSACHAIDH

CÙRSAICHEAN FOR-CHEUM

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578