Skip to content

Seiminearan-rannsachaidh Shabhal Mòr Ostaig: Am Foghar 2024

Tòisichidh sreath ùr de sheiminearan-rannsachaidh air Dihaoine 06 Sultain, air an làraich agus fosgailte air-loidhne tro Zoom cuideachd. Tha prògram air leth againn dhuibh thairis air an t-semeastar seo agus bhiomaid uabhasach toilichte nam b’ urrainn dhuibh tighinn còmhla rinn.

Bidh gach seiminear a’ tòiseachadh aig 13:00 feasgar Diciadain, ann an Seòmar Shomhairle, Ionad Iain Noble, Sabhal Mòr Ostaig. Dhuibhse a bhios a’ frithealadh air-loidhne, feuch gun log thu a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh thu a-steach (agus gus an cuir sinn fàilte ort!). Bidh an seòmar-coinneachaidh glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir.

Dihaoine 06 Sultain 2024, 13:00

An t-Oll. Karly Kehoe, Oilthigh Naoimh Muire, Alba Nuadh

Aon Shluagh, Dà Eilean: Ceanglaichean eadar Eige, Alba, agus Ceap Breatann, Alba Nuadh, 1790–1850

Diciadain 18 Sultain 2024, 13:00

Murchadh MacDhòmhnaill

An taobh lèirsinneach den Ath-bheòthachadh Cheilteach, bho Iain Òg Ìle gu Somhairle MacGill-Eain

Dihaoine 18 Dàmhair 2024, 19:00
An Talla Mòr, Sabhal Mòr Ostaig

Michael Simpson (Oilthigh Chill Rìmhinn) & Rueben George

It Stops Here: Standing up for Our Lands, Our Waters, and Our People (Penguin 2023)

Diciadain 06 Samhain 2024, 13:00

An t-Oll. Ùisdean Cheape

A’ leantainn ceumannan Iain Luim agus Abraich eile ann am Bràigh Loch Abar

Diciadain 27 Samhain 2024, 13:00

An Dr Sarah Laurenson

Buntainn ri Beanntan: a’ rannsachadh cultar dùthchasach monaidhean na h-Alba

© Sabhal Mòr Ostaig | Design by CGS | Sabhal Mòr Ostaig is a Scottish registered charity · No. SC002578