
Riaghladh
Tha Sabhal Mòr Ostaig na chompanaidh earranta agus na charthannas, air a riaghladh leis a’ Bhòrd Stiùiridh. Tha uallach air a’ Bhòrd airson roi-innleachd agus riaghladh na Colaiste. Aig ìre gnìomh, tha mòran dleastanasan a’ Bhùird air an riarachadh air Buidheann Stiùiridh na Colaiste, A’ Bhòrd Acadaimigeach agus comataidhean eile air feadh na Colaiste
Poileasaidhean agus Stuthan Laghail
Tha iomadach poileasaidh agus modh-obrach ann aig a bheil buaidh air luchd-obrach agus oileanaich. Tha barrachd fiosrachaidh ri fhaighinn anns an earrainn air Poileasaidhean agus fo dhuilleagan Achd Saorsa an Fhiosrachaidh. Airson fios a bharrachd, faodaidh sibh post-d a chuir gu Sarah-Jane Chaimbeul.
RO-INNLEACHD 2017-22
Tha an Ro-innleachd seo, mar an treas Plana Nàiseanta aig Bòrd na Gàidhlig, a’ ruith bho 2017 gu 2022 agus tha dlùth-cheangal eatarra. Tha am Plana Nàiseanta a’ rùnachadh suidheachadh na Gàidhlig a dhèanamh nas treasa, àireamhan luchd-labhairt a thogail, cleachdadh a’ chànain a sgaoileadh, foghlam sa chànan a leudachadh, ionnsachadh na Gàidhlig a chur am meud, corpas a’ chànain a leasachadh agus na h-ealainean a bhrosnachadh. Tha amasan co-ionann aig an Ro-innleachd seo agus bidh an Sabhal aig uchd bualaidh ann a bhith a’ lìbhrigeadh mòran de dh’amasan a’ Phlana Nàiseanta. Faodar an Ro-innleachd slàn a leughadh gu h-ìosal.
GÀIDHLIG NA H-ALBA
CÙRSAICHEAN CÀNAIN