Skip to content

Seiminearan-rannsachaidh Shabhal Mòr Ostaig: An t-Earrach 2024

Tòisichidh sreath ùr de sheiminearan-rannsachaidh air Diciadain 06 Màrt, air an làraich agus fosgailte air-loidhne tro Zoom cuideachd. Tha prògram air leth againn dhuibh thairis air an t-semeastar seo, nam measg a’ chiad Òraid Bhliadhnail Shomhairle MhicGill-Eain, agus bhiomaid uabhasach toilichte nam b’ urrainn dhuibh a thighinn còmhla ruinn.

Bidh gach seiminear, ach a-mhàin Òraid Shomhairle, a’ tòiseachadh aig 13:00 feasgar Diciadain, ann an Seòmar Shomhairle, Ionad Iain Noble, Sabhal Mòr Ostaig. Dhuibhse a bhios a’ frithealadh air-loidhne, feuch gun log thu a-steach mu 10 mionaidean ro làimh gus am faigh thu a-steach (agus gus an cuir sinn fàilte ort!). Bidh an seòmar-coinneachaidh glaiste 10 mionaidean às dèidh toiseach gach seimineir.

Caitlin Powell
Diciadain 06 Màrt 2024, 13:00

Caitlin Powell, Sabhal Mòr Ostaig

Sùilean Gàidhlig, Speuclairean Beurla: Dathan ann an Litreachas agus Dualchas Nitheil

Alasdair Whyte
Diciadain 13 Màrt 2024, 13:00

An Dr Alasdair MacIlleBhàin, Oilthigh Ghlaschu

Mu shealg dheirinnich Oisin ann an Co-chruinneachadh Stafa

Donald Meek
Diciadain 20 Màrt 2024, 19:30
Talla Dhonaidh Chaimbeil, Sabhal Mòr Ostaig & Beò air-loidhne

Òraid Shomhairle leis an Oll. Dòmhnall Meek

Na Maoir agus na Bàillidhean ann an Litreachas agus Beul-aithris na Gàidhlig

Dr Christopher Lewin
Diciadain 27 Màrt 2024, 13:00

An Dr Christopher Lewin

Leantalachd a’ mhodail dhùthchasaich ann an ath-bheòthachadh Gàidhlig Mhanainn

Dr Geraldine Parsons
Diciadain 17 Giblean 2024, 13:00

An Dr Geraldine Parsons, Oilthigh Ghlaschu

‘Tàladh, fonn-cadail, no òran dithis leannan?’ Gráinne, Diarmaid agus an duan “Cotail becán becán bec”

Prof. Tríona Ní Shíochain
Diciadain 24 Giblean 2024, 13:00

An t-Oll. Tríona Ní Shíochain, Ollscoil Mhá Nuad

Composers and Recomposers – a reassessment of womens’ voice in the Irish song tradition

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578