
SEIRBHISEAN OILEANACH
Tha Seirbheisean Oileanach a’ toirt fiosrachadh, comhairle is taic neo-thaobhach don a h-uile oileanach; do dh’oileanaich làn-ùine is phàirt-ùine agus oileanaich air an làraich is air astar. Faodaidh tu fios a chur gu Seirbheisean Oileanach mu chùis phearsanta sam bith a dh’fhaodadh buaidh a thoirt air an obair rannsachaidh agad, mar eisimpleir:
* Ciorram is feumalachdan taic a bharrachd
* Cùram-chloinne
* Deoch-làidir is drogaichean
* Fèin-dhochann is smuaintean fèin-mharbhtach
* Sgilean rannsachaidh
* Slàinte
* Ionmhas is buidseatan
* Taigheadas
* Trom-inntinn is iomagain
* Duilgheadas pearsanta sam bith eile
’S e leasachadh saoghal nan oileanach is solarachadh taic nad chuid rannsachaidh am prìomh amas aig Seirbheisean Oileanach.
Nach cuir thu fios thugainn mu na feumalachdan pearsanta agad cho tràth ’s a ghabhas gus an tèid againn air na fuasglaidhean as fheàrr dhut a lorg còmhla riut. Faodaidh tu bruidhinn ri Eilidh NicPhàidein, Cò-òrdanaiche Seirbhisean Oileanach, tro phost-d no fòn 01471 888305.
Faodaidh a h-uile oileanach na seirbheisean comhairleachaidh a chleachdadh. Tha seirbheis chomhairleachaidh aghaidh-ri-aghaidh ri faighinn air an làraich agus faodaidh oileanaich air astar taic chomhairleachaidh air-loidhne a chleachdadh.



