Skip to content

Dè a’ Ghàidhlig air “Session A9”?

BHO: 01 Giblean 2024
GU: 05 Giblean 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
© Dale Smith
© Dale Smith

Dè a’ Ghàidhlig air “Session A9”?

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

‘S e cùrsa ùr iongantach a th’ againn ribh cuide ri muinntir Session A9, le co-mheasgaichte de clasaichean-fuinn le gach oide agus clasaichean-còmhlain fad an latha.

Thèid oide eadar-dhealaichte còmhla ruibh anns a’ chlas-còmhlain gach latha. Bidh an clas seo freagarrach airson an dà chuid feadhainn a tha a’ cluich com-pàirtich agus feadhainn eile a tha measail air còrachadh, le buaidh mhòr air co-sheirm gus am bi an t-seachdain cho ceòlmhor ‘s a ghabhas. Fad ‘s tha àiteigin rim faighinn, faodaidh oileanaich a’ gluasad eadar na clasaichean-fuinn agus clas-còmhlain.

Thèid a h-uile duine còmhla ri Session A9 airson ar clas mu dheireadh feasgar DiLuain, Dimàirt agus Diardaoin, agus thèid a h-uile nì ri chèile airson ar ceann-fìnid madainn Dihaoine.

Bidh an cùrsa seo freagarrach do cluicheadairean a tha air co-dhiù an ìre eadar-mheadhanach a ruigsinn, feadhainn a tha dòigheil ag ionnsachadh leis a’ chluas agus iadsan a tha nas cofhurtaile le ceòl sgrìobhte. Bidh sinn a’ tabhann meanbh-leasan Gàidhlig airson ceòladairean gach latha. Ciridh sinn fàilte air diofar sheòrsaichean inneal-chùil ma tà, agus thèid ar cur ann an clasaichean freagarrach a-rèir comais.

Bidh an Talla Mòr agus a bhàr fosgailte gach oidhche airson seisean ciùil agus le àitean-suidh a bharrachd anns a’ chùirt-lios airson astarachadh sòisealta.

Bidh àireamhan air an cuingealachd airson a’ chùrsa seo agus ‘s iad na ciad iarrtais a gheibh àite. Cha tèid àite a glèidhte gus an bi na cosgaisean pàighte.

‘S urrainnear fios mu chosgaisean àite-fuirich fhaighinn an seo.

Hup!

Session A9

Seision A9 “Sàr Comhlan-Chùil na h-Alba” “Nas tinne na Seumas MacGilleDhuinn” ‘’s iad Àdhamh Suthurlanach, Brian MacAilpein, Teàrlach MacKerron, Daibhidh “Chimp” Robastan, Gòrdan Gunnach, Caomhan MacEanraig agus Marc Cliamhainn.

Stèidhichte ann an 2001, fhuair an ciad CD “What Road?” a tha làn obair ùr, iomadh mol, agus chuir sin àite sònraichte mun chuairt iomad fèile ‘s cùram-chùil iad. Choisinn iad duais “An Comhlan beò a b’ fhèarr” aig Na Trads 2012.

Bho 2003 tha iad air a bhith trang a’ cluich feadh Alba agus eile, air àrd-ùrlaran aig mòran fhèilltean mòra lethid Glastonbury, Fèille-folk Cambridge agus Celtic-Connections. Chomharraich iad Oidhche na Bliadhna Ùire 2008 anns na Talla Consairt Rìoghail Pheairt agus 2005 ann an Dùn Èideann. Tha iad glè eòlach air fèisean air feadh na Roinn Europa.
‘S e sàr sgrìobhaichean-ciùil, rianadairean, riochdairean agus oidean a th’ ann am buill a’ chomhlain . Tha iad toilichte a bhith air ais agus a’ cluich còmhla agus ag obair air ceòl ùr. Thathar an dùil gun tig clàr ùr Seisean A9 a-mach ann an 2022.

Tha buill a’ chomhlain cuideachd rim faicinn ann an comhlan ainmeil eile leithid Capercaillie, Treacherous Orchestra, The Nordic Bloc, Dean Owens Band, MBO air barrachd air na pròiseactan fa leth aca fhèin.

Gabh an cothrom ùine a chuir seachd còmhla ris a luchd chùil mur a tha iad a fàs nas trainge.

“powerhouse dynamism” Celtic Connections 2018 review
“A richness of sound that can verge on the symphonic … From reflective to mesmerising to downright barnstorming” The Herald

Fiercely bright and energetic contemporary instrumental music, with a full heart and a head for invention”. Songlines

“Tighter than James Brown!” The Proclaimers

Clàr-ama an t-seachdain:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/