Latha ùrachaidh do Luchd-adhartach
BHO: 18 Cèitean 2013GU: 18 Cèitean 2013
COSGAIS: £20.00
COSGAIS (OILEANAICH): £
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
‘S ann do luchd-adhartach sa chànan aig a bheil deagh eòlas air a’ Ghàidhlig le sàr chomasan conaltraidh ann an sgilean labhairt is sgrìobhaidh a tha an latha seo. ’S e ùrachadh a th’ ann airson daoine a tha air na Cùrsaichean Goirid Gàidhlig 7 no 8 a dhèanamh aig Sabhal Mòr Ostaig no cùrsaichean eile aig an ìre seo aig a’ cholaiste, m.e. seachdain nan teaghlaichean no cùrsaichean air astar
Chan eil ach corra àite ri fhaighinn, mar sin, dèanaibh cinnteach gun glèidh sibh àite!
Bidh seo air a’ chùmail eadar 10m is 4.30f, aig An Lèanag, 22 Sràid Achadh a’ Mhansa, Partaig, Glaschu, G11 5QP.
Airson fios a bharrachd, cuir fòn do Sgioba nan Cùrsaichean Goirid, SMO, air 01471 888 240 air no tro post-d: cg.smo@uhi.ac.uk