Skip to content

Cùrsa Piana le Hamish Napier, air an àrainn

BHO: 16 Lùnastal 2021
GU: 20 Lùnastal 2021
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Tha an dòigh cluiche aithnichte aig Hamish làn ruitheim, teanntachd is faireachdainn agus cluinnear seirm jazz agus feartan spreigeach ann, eadar sàmhchair mhothachail agus mullaichean ceòlmhor làn spionnaidh.

– Fosgailte do chluicheadairean piano eadar ìrean eadar-mheadhanach is adhartach is ann an stoidhle sam bith.

– Chan eil teisteanasan nan ìrean piano a dhìth ach chan eil an cùrsa freagarrach do luchd-tòiseachaidh gu mì-fhortanach.

– Tha beagan eòlais air cumail taic ri ceòl dùthchasach Albannach riatanach.

– Bidh oileanaich aig diofar ìrean sa chlas. Thèid uiread is ìre obair chùrsa a thoirt seachad a-rèir comas gach oileanach fa leth.

Thèid ceithir sreathan de cheòl dùthchasach piano a theagasg air a’ chùrsa:

•             Ceòl taic nuadh (coltach ri dòigh-obrach ceòl giotàir – dòighean ruitheamach, grooves agus stiùireadh le guth)

•             Vamping traidiseanta (a’ cumail taic ri caismeachd is srath spè airson dannsa cèilidh agus còrdan 7th is breaban ruitheamach). Breaban cluiche shaor.

•             Piano Pop is Dùthchail (dòighean airson còrdan taic a sgeadachadh ann an òrain is puirt shlaodach)

•             Puirt dhùthchasach don chluicheadair fa leth: puirt shlaodach, seirm is meuran na làimh deise mar as àbhaist, cuide ri beachdan air ceòl taic leis an làimh chlì.

               

Chan eil comas leughadh ciùil riatanach ach feumar samhlaidhean còrd a sgrìobhadh gu tric. Bidh cothromachd ann eadar cluiche a’ phiano is eòlas ciùil.

Bidh comasan eadar-dhealaichte anns gach clas ach thèid eacarsaichean is gnìomhan a dhealbhadh a-rèir gach cluicheadair piano. Feumaidh tu fònaichean-cluais agus keyboard a thoirt leat a chionn is gum bi beagan cluich fa leth aig a h-uile duine tro na clasaichean.

Tha comas air na sgèilichean a leanas riatanach airson a’ chùrsa seo: F major, C major, G major, D major, A major.

Tha sinn a’ moladh (ach chan eil e riatanach) gu bheil eòlas agad air:

•             Còrdan I, IV is V anns na prìomh ghleusan: F, C, G, D is A.

•             Sgèilichean A minor nàdarra, E minor nàdarra, B minor nàdarra.

 

Tha ceangal an seo ri puirt piano an-asgaidh air làrach-lìn Hamish:

http://www.hamishnapier.com/folk-musician/pianist/

 

’S ann à Srath Spè a tha Hamish Napier bho thùs. Bha e gu mòr an lùib saoghal ceòl traidiseanta Ghlaschu fad còrr is deich bliadhna agus a’ falbh air tursan Eòrpach is Ameireaganach cuide ris a’ chòmhlan cheathrair Back of the Moon (‘Còmhlan Traidiseanta na Bliadhna 2005’ MG Alba Duaisean Trad). Choisinn e ceuman ann an Reul-eòlas is Ceòl nuair a rinn e air Glaschu an toiseach agus chaidh sgoilearachd na bliadhna a bhuileachadh air airson piano jazz is sgrìobhadh ciùil a sgrùdadh aig colaiste ciùil ainmeil Berklee ann am Boston sna Stàitean Aonaichte. Tha Hamish a’ teagasg sgrìobhadh ciùil a-nis aig Conservatoire Rìoghail na h-Alba agus aig sgoiltean ciùil is fèisean air feadh an t-saoghail. Tha e an dèidh tilleadh a Shrath Spè o chionn ghoirid agus tha e air dà chlàr fhoillseachadh, The River (2016) agus The Railway (2018), mar mholadh air àite dùthchais.

A; cumail taic ri Duncan Chisholm: https://youtu.be/Nnrvnn0inqg?t=976

Duilleag film: http://www.hamishnapier.com/films/

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578