Skip to content

Dualchas na Linne Shlèitich – Gàidhlig is Bàrdachd sa Bheinn

BHO: 21 Iuchar 2014
GU: 25 Iuchar 2014
COSGAIS: £200
COSGAIS (OILEANAICH): £140
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Thèid cùrsa a chumail air am faod tu cur ris an eòlas a th’ agad air Gàidhlig is air bàrdachd a-muigh sa bheinn ann an Slèite, an sgìre sa bheil Sabhal Mòr Ostaig. Bidh sinn ag amas air rannan Gàidhlig a sgrìobhadh air leth is ann am buidhnean fhad ‘s a bhios sinn a’ coiseachd anns a’ mhonadh. Tha sinn an dùil dol gu muir co-dhiù aon de na làithean, agus fhad ‘s a bhios sinn ann gheibh thu fios air dualchas is eachdraidh na sgìre, òrain is ainmean-àite agus tòrr mun Ghàidhlig fhèin (seo ann an Gàidhlig gun teagamh). Mura bi an aimsir a’ freagairt faodar an obair is an deasbad a chumail aig Sabhal Mòr fhèin. Aig deireadh an latha, thig sinn còmhla is cuiridh sinn obair gach duine còmhla agus faodar leantainn air adhart le seo air an oidhche san taigh-sheinnse no ann an Talla Mhòr an t-Sabhail agus nàdar de chuirm open-mic a chumail aig an deireadh.

‘S an stiùiriche a’ chùrsa am bàrd is fear-teagaisg Rody Gorman

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578