Skip to content

Eòlas mun Eilean (Gàidhlig do Luchd-tòiseachaidh) le Muriel Fisher

BHO: 27 Iuchar 2020
GU: 31 Iuchar 2020
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £190
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich mun liosta-feitheimh again.**

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Anns a’ chùrsa shònraichte seo bithear a’ ceangal teagasg mì-fhoirmeil sa Ghàidhlig ri eòlas ceart mun Eilean Sgitheanach. Tha an cùrsa seo freagarrach do dh’oileanaich aig a bheil beagan Gàidhlig, no aig nach eil a’ Ghàidhlig. Bidh cuid den chùrsa stèidhichte aig a’ Cholaiste, agus cuid eile ga chosg a’ rannsachadh àrainneachd is eachdraidh an Eilein Sgitheanaich. Anns na clasaichean, bidh bùth-obrach fuaimneachaidh ann, teagasg air abairtean bunasach is feumail, agus sgilean bunasach air gràmar is cànan. Agus fad air falbh on chlas, cuiridh na h-oileanaich an cànan ùr aca an gnìomh is a h-uile latha bidh iad a’ cur ris an eòlas aca air a’ Ghàidhlig. Ionnsaichidh iad mun chiall Ghàidhlig is Lochlannaich a th’ air ainmean-àite an Eilein, agus feadhainn de na sgeulachdan co-cheangailte ris na sgìrean sin, fhad ‘s a chuireas iad eòlas air bòidhchead an Eilein.

Tha na cuairtean an eisimeil na sìde  agus bheiridh seo buaidh air planaichean an latha.  Thathar an dùil gum bi comas coiseachd air co-dhiù dà mhìle aig gach leis gu bheil na sgrìoban seo mar phàirt chudromach dhen chùrsa.  Chan eil biadh no deoch an lùib prìs a’ chùrsa, ach tha bracaist an lùib prìs àite-fuirich na colaiste. Airson barrachd fiosrachaidh mun àite-fuirich againn, thoiribh sùil an seo.

Chaidh Muriel a thogail san Eilean agus a bharrachd air a bhith a’ teagasg ann an Sabhal Mòr Ostaig tha i air a bhith a’ teagasg aig Oilthigh Arizona, agus air feadh an t-saoghail, fad còrr is 20 bliadhna.  Mar chomharra air a h-obair is na comasan aice, chaidh urram cliùiteach, an duais “Excellence in Community Linguistics”, a chur air Muriel le The Linguistic Society of America airson “her outstanding work with the teaching, promotion and documentation of Scottish Gaelic.”

Beachdan oileanaich air a’ chùrsa:

                               “Muriel is a great teacher with a great sense of humour.”

            “A great week which has left me inspired to continue my Gaelic journey”

                              “This was such a fun class to take and I will take it again in a heartbeat!”

           “The course was brilliant. First class method of teaching!”

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578