Skip to content

Duiseal & Fìdeag Air Loidhne (adhartaich)

BHO: 12 Lùnastal 2020
GU: 14 Lùnastal 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Gu h-àrd: Hamish Napier
Gu h-àrd: Hamish Napier

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Diciadain, Diardaoin, Dihaoine), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 10.30 – 11:30, 12:00 – 13:00 agus 14:00 – 15.00.  Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

Tha sinne aig an t-Sabhal Mhòr air ar dòigh gu bheil Hamish Napier gu bhith còmhla rinn uair eile an t-samhradh 2020. ’S e sàr-neach-ciùil a th’ ann an Hamish, a choisinn iomadh duais agus aig a bheil fìor thàlant is liut air iomadh diofar ionnsramaid.

Tha an cùrsa fosgailte dhaibhsan a chluicheas an dà chuid, an fhìdeag agus an duiseal, is thèid am brosnachadh gus dàimh mhath a thogail eadar iad fhèin is an cuid ionnsramaidean. Bidh Hamish a’ brosnachadh chòmhraidhean air dòighean is stuthan cleachdaidh, misneachd air an àrd-ùrlar, sgeadachadh is altachadh, guth-cheòl, binneas, cleachdadh tarraing anail is a’ taghadh àitean iomchaidh airson anail a tharraing ann am puirt. Gheibh thu cuideachd cothrom air teòiridh iomchaidh, geamannan ruitheim, agus ceithir sgèilean-ciùil thraidiseanta is mar a gheibh thu fonn binn, siùbhlach às an ionnsramaid agad. Bidh na bùithtean-obrach cuideachd a’ toirt prìomhachais do cheòl traidiseanta  na h-Alba, a tha aithnichte aig seiseanan, a fhreagras air an fhìdeig is air an duiseil.

Thèid an ceòl ionnsachadh le cluais, le ceòl-sgrìobhte mar thaic agus bileagan-fiosrachaidh air an toirt seachad gach latha. Tha fàilte romhpasan a chluicheas an duiseal Bhoehm cuideachd!

Bidh Hamish a’ teagasg sgrìobhadh-ciùil, teòiridh-chiùil agus an duiseil fhiodha aig a’ Chonservatoire Rìoghail ann an Glaschu, agus sgoiltean ciùil is fèisean air feadh an t-saoghail.  Tha e an-dràst’ a’ cluich san duo traidiseanta dàna air a bheil ‘Nae Plans’ cuide ris an fhìdhlear innleachdach, Adam Sutherland, a’ gabhail a-steach chuirmean a thig mar chloich às an adhar gun eagrachadh is gun ullachadh.

Thogadh Hamish Napier air a’ Ghàidhealtachd, ann am Baile nan Granndach, is an uair sin rinn  e air Glaschu fad sia bliadhna deug gus bogadh fhaighinn ann an saoghal ciùil a’ bhaile agus ceum a thoirt a-mach ann an ceòl aig Oilthigh Srath Chluaidh. Fhuair e cuideachd sgoilearachd fad bliadhna airson ionnsachadh aig Colaiste Ciùil Berklee ann am Boston, sna Stàitean Aonaichte.

Tha Hamish air nochdadh air còrr is dà-fhichead clàr folk à Alba cuide ri luchd-ciùil cliùiteach, leithid: Donnchadh Siosalach, Màiri NicAonghais, Karen NicMhathain, Dòmhnall Seathach, Treacherous Orchestra, Eddi Reader agus Martyn Bennett. Aig na Scots Trad Music Awards, chaidh ainm a chur air aghaidh airson Music Tutor of the Year agus Composer of the Year agus còig trupan airson  Album of the Year, is bhuannaich e Best Folk Band le Back of the Moon.  Tha e a-nis air tilleadh dhachaigh dhan Ghàidhealtachd airson ceòl a sgrìobhadh is a theagasg.

Chaidh a’ chiad chlàr aig Hamish fhèin, “The River” a chur air bhog bho chionn ghoirid agus chan eil sin ach air cur ri a dheagh chliù mar neach-ciùil àraid.

 

★★★★★ “Scintillating…brilliantly vivid”  The Scotsman [dha a chiad chlàr ‘The River’]

“…one of Scotland’s busiest and most multi-faceted folk musicians…”  Sunday Herald

“Napier is one of the finest musicians in Scotland….his music is invigorating, passionate and steeped in tradition.” TMSA

“An excellent flute player.”  The Guardian

 

Thoiribh sùil air an obair aig Hamish gu h-ìseal –

https://www.youtube.com/watch?v=mG5Z5dzbNEc

https://www.youtube.com/watch?v=OVaPEgmlRog

 

 

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/