Skip to content

Òrain Ghàidhlig is Traidiseanan le Màiri Anna NicUalraig

BHO: 25 Lùnastal 2014
GU: 29 Lùnastal 2014
COSGAIS: £200
COSGAIS (OILEANAICH): £140
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Am bliadhna, tha cothrom eile ann airson pàirt a ghabhail ann an cùrsa sònraichte leis a’  cheòladair air mhuinntireas aig Sabhal Mòr Ostaig, Màiri Anna NicUalraig.

Tha Màiri Anna air cliù fhaighinn mar chraoladair aig a’ BhBC agus mar neach-ciùil traidiseanta ach fhuair i tòrr eòlais air ceòl Ghàidhlig bho theaghlach a màthair, Caimbeulaich a’ Ghnìoba.  Bha an teaghlach seo nam pìobairean is nan seinneadairean a bhuinneas don bhaile bheag, an Gnìob, ann an ceann iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.  Tha an teaghlach seo air mòran a dhèanamh airson ceòl is òrain na Gàidhlig san an latha an-diugh agus tha seo follaiseach leis an t-seachdnar de Chaimbeulaich a’ Ghnìoba a choisinn buinn òir airson seinn aig a’ Mhòd Nàiseanta Rìoghail. 

Bha an teaghlach fortanach gun robh cultar na sgìre aca làidir le bàrdachd, ceòl is òrain agus bidh Màiri Anna a’ stiùireadh tro na h-òrain phìobaireachd, puirt-a-beul is na h-òrain a sheinn muinntir is bàird às na sgìre a leithid Dòmhnall Ruadh Caimbeul air a’ chùrsa seo. 

Mar phàirt den chùrsa, bidh cothrom ann cuairt a ghabhail don sgìre seo ann an Dùthaich MhicLeòid is eòlas fhaighinn air na h-àiteaichean far a bheil na h-òrain, sgeulachdan is dualchas an teaghlaich seo suidhichte.

Airson tuilleadh fiosrachaidh fhaighinn air Mairi Anna NicUalraig agus airson criomagan den cheòl aice a chluinntinn, brùthaibh an seo.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578