Gàidhlig air Cruth na Tìre air Loidhne 18 Lùnastal 2021

BHO: August 18, 2021
GU: August 18, 2021
COSGAIS: £40
COSGAIS (OILEANAICH): £40
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig air Cruth na Tìre – air Loidhne

Ruithidh an cùrsa seo ann an dà phàirt:-

10:00 – 12:00 agus 13:30 – 15:30

Chithear ainmean-àite Gàidhlig air feadh an àite ann an Alba, agus gu sònraichte  ma tha sinn anns na beanntan. A-nis is a nach fhaod sinn sreap, ‘s e an t-àm as fheàrr a th’ ann gus barrachd fhaighinn a-mach mu na h-ainmean sin. An robh sibh riamh mì-chinnteach mu mar a chanas sibh Liathach no Spidean a’ Choire Sheasgaich gu ceart. A bheil ùidh agad anns an diofar eadar sgùrr, cnoc agus meall? Am bu toil leibh ciall ainmean bheanntan, bhealach, alltan is sgeirean a thuigsinn gus tuigse fhaighinn air an cuid fheartan no eachdraidh?

Tha an cùrsa air loidhne seo ag amas air daoine aig a bheil ùidh ann an ainmean Gàidhlig nar tìr, mar eisimpleir ainmean bheanntan agus cruthan cumanta eile leithid allt, is eilean agus tha an cùrsa seo gu sònraichte inntinneach do luchd-iùil nam beann agus oidean air a’ bhlàr-a-muigh. Rè an dà sheisean de dhà uair a thìde,  gheibh sibh greim air riaghailtean fuaimneachaidh na Gàidhlig agus ciall nan cumaidhean as cumanta air cruth na tìre. Bidh sibh an uair sin comasach na sgilean seo a chleachdadh air grunn ainmean a chì sibh nuair a bhios sibh a-muigh.

Chan fheumar eòlas Gàidhlig sam bith airson seo

Bidh an cùrsa ga lìbhrigeadh tro Zoom agus a gabhail a-steach grunn gnìomhan practaigeach gus ur cuideachadh faclan ùra ionnsachadh ann an dòigh spòrsail is aotrom. Gheibhear faidhlichean fuaim agus stuthan ionnsachaidh anns a’ chùrsa.

‘S i Janni Nic Uilleim (née Diez) oide a’ chùrsa seo, a tha na Oifigear Leasachaidh Cànain aig Sabhal Mòr Ostaig agus a tha gu mòr an sàs ann an spòrs air a’ bhlàr a-muigh leithid coiseachd sna beanntan, sreap agus kayakadh air a’ mhuir. Tha eòlas domhain aice air eachdraidh is ainmean-àite na h-Alba a bharrachd air cur-seachadan a-muigh.

Gàidhlig air Cruth na Tìre air Loidhne 18 Lùnastal 2021
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578