Skip to content

Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh san Loids’ na Cuith-raing

BHO: 19 Ògmhios 2017
GU: 23 Ògmhios 2017
COSGAIS: £595
COSGAIS (OILEANAICH): £595
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
 

***Tha an cùrsa seo loma-làn a-nis.  Nach faighnichibh mu dheidhinn an liosta-feitheimh againn.***

Tha Gàidhlig ann an Loids’ na Cuith-raing na chùrsa taitneach air a dheasachadh le Sabhal Mòr Ostaig airson luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gheibhear cothrom air an cànan is a h-eachdraidh ionnsachadh fhad ‘s a gheibhear blasad de chultar an Eilein. Gheibh muinntir a’ chùrsa an cuid-oidhche sheasgair shaoibhir anns an loidse eireachdail seo, suidhichte fo chreagan àibheiseach na Cuith-raing a chithear ann an iomadh dealbh-camara cho math ri filmichean Hollywood. Tha Cuith-raing, le a cruthan cliùiteach is cultar beartach, as na h-earrainn den druim as fhaide am Breatainn nach eil an cois a’ chladaich.

Tha an cùrsa ag amas air luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig a tha a’ sireadh cùrsa a tha a’ dùsgadh na h-inntinne taobh a-muigh an t-seòmair-teagaisg. Anns an loidse, ionnsaichidh na h-oileanaich abairtean feumail, beagan gràmair agus sgilean cànain. Bithear a’ cur ri an cuid briathrachais fad na seachdain is thèid a chleachdadh am measg coimhearsnachdan Gàidhlig Sgitheanach. Bithear a’ tadhal air taighean-tasgaidh, gnìomhachasan ealain ionadail, caistealan ainmeil is àiteachan eachdraidheil an Eilein. Bithear a’ dol a-mach air chuairt a’ coiseachd far am bithear ag ionnsachadh mu ainmean-àite Gàidhlig is bidh turas ann gu Talaisgeir far am faighear blasad an uisge-bheatha.

Gheibh oileanaich bracaist continental san Loidse an lùib prìs a’ chùrsa, agus dìnnear san fheasgar. Gheibhear lòn-paisgte ma bhios na h-oileanaich a-muigh air chuairt a’ cur eòlas air seallaidhean drùidhteach an Eilein Sgitheanaich. Tha cìsean a-steach do thaighean-tasgaidh, ionadan eile is an taigh-staile an lùib na prìse cuideachd. Feumaidh oileanaich coinneachadh ri Sgioba nan Cùrsaichean Goirid san Loidse ann an Stafainn, Didòmhnaich 22 an t-Ògmhios, eadar 4.00f is 7.00f.  Thathar a’ moladh a’ siubhal nad chàr fhèin leis nach eil dòighean siubhal poblach cho earbsach leis cho dùthchail a tha an eilean.

Thathar ag iarraidh air oileanaich a tha comasach air ionnstramaid a chluich a thoirt leotha airson sheiseanan-ciùil càirdeil anns an Loidse san fheasgar – BYOB! Cuideachd, thathar ag iarraidh air oileanaich bòtannan is aodach dìonach a thoirt leotha, leis gu bheil na cuairtean a-muigh an eisimeil na sìde. Feumar a bhith comasach coiseachd co-dhiù mìle gun strì.

Tha an cùrsa fo stiùir Muriel Fisher, a bhuineas don Eilean is a chaidh a thogail le Gàidhlig – tha i air a bhith a’ teagasg Gàidhlig aig Oilthigh Arizona, Sabhal Mòr Ostaig is air feadh an t-saoghail fad còrr is 20 bliadhna.  Mar chomharra air a h-obair is na comasan aice, chaidh urram cliùiteach, an Duais “Excellence in Community Linguistics”, a chur air Muriel le The Linguistic Society of America airson “her outstanding work with the teaching, promotion and documentation of Scottish Gaelic.”

Ma tha ceistean sam bith agaibh gu sònraichte mun chùrsa seo, cuiribh post-d dìreach do Mhanaidsear nan Cùrsaichean Goirid, Màrtainn MacLeòir.

 

Fios a bharrachd:

Chaidh an Loidse a chur air dòigh dhuinn tro Cholumba 1400.  ‘S ann dìreach dha bhuidhnean ionnsachaidh a tha an Loidse, mar sin thathar gu mòr an comainn co-obrachadh le Columba 1400 gus a’ chùrsa seo a ruith.

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578