Skip to content

Gàidhlig Ìre 6 – air an Làraich 11 den Ghiblean 2022

BHO: April 11, 2022
GU: April 15, 2022
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 6 – air an Làraich

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Bidh an cùrsa seo freagarrach do Luchd-eadar-mheadhanach aig ìre nas àirde aig a bheil tuigse air a’ chànain is comas còmhradh a chumail ann an doimhneachd le bhith a’ cleachdadh structairean mionaideach.  San ìre seo, cuirear eòlas air structairean san tràth caithte le gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach ann an suidheachaidhean cudromach, structairean a tha a’ sealltainn sealbh, structairean a’ cleachdadh àireamhan mionaideach agus an tuiseal ginideach le ainmearan-iolra.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas a bharrachd air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (11-12)
SCQF 6 SQA Gàidhlig àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)

/*
*/