Gàidhlig Ìre 6 Air Loidhne 17 Lùnastal 2021

BHO: August 17, 2021
GU: August 19, 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Gàidhlig Ìre 6 – air Loidhne

Bidh an cùrsa seo freagarrach do Luchd-eadar-mheadhanach aig ìre nas àirde aig a bheil tuigse air a’ chànain is comas còmhradh a chumail ann an doimhneachd le bhith a’ cleachdadh structairean mionaideach.  San ìre seo, cuirear eòlas air structairean san tràth caithte le gnìomhairean riaghailteach is neo-riaghailteach ann an suidheachaidhean cudromach, structairean a tha a’ sealltainn sealbh, structairean a’ cleachdadh àireamhan mionaideach agus an tuiseal ginideach le ainmearan-iolra.

Mar phàirt den chùrsa, gheibhear eòlas a bharrachd air gràmar, gheibhear cothroman sgilean labhairt a chleachdadh, is gheibhear cothrom dòighean cànain ùra is briathrachas ùr ionnsachadh.

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00.  Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

Gheibh thu barrachd fiosrachaidh mun ìre an seo.

Tuairmse Ìre Cùrsa & Co-ionannachd de Ìre SCQF
An Cùrsa Inntrigidh Earrann 3 (11-12)
SCQF 6 SQA Gàidhlig àrd-ìre (luchd-ionnsachaidh)

Gàidhlig Ìre 6 Air Loidhne 17 Lùnastal 2021
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578