Gàidhlig tro Mheadhan na Cuimris – air Loidhne

BHO: August 10, 2021
GU: August 12, 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 09.30 – 10.45, 11.15 – 12.30 and 13.30 – 15.00. Cha bhi ach ochdnar sa chlas.

Chaidh an cùrsa Gàidhlig seo a thogail do luchd-labhairt na Cuimris tro mheadhan na Cumris. Tha an cùrsa seo freagarrach do dh’fhìor luchd-tòiseachaidh na Gàidhlig no luchd-ionnsachaidh aig a bheil eòlas bunaiteach air a’ chànan. Bu chòir a bhith ìre eadar-mheadhanach ardhartach, àrd-ìre no ìre thùsanach na Cuimris aig luchd-ionnsachaidh. Air a’ chùrsa seo, gheibhear ionnsachadh air mar a bhiodh tu a’ cur fàilte agus aithne air daoine, a’ còmhradh aig ìre bhunaitich, agus a’ bruidhinn air àite agus dachaigh. A thuilleadh air a bhith tro mheadhan na Cuimris, seallaidh an cùrsa do luchd-ionnsachaidh mar a tha an dà chànan Cheilteach seo coltach agus eadar-dhealaichte.

Gheibh luchd-ionnsachadh cothrom air fuaimneachadh a leasachadh agus sgilean cànain a chleachdadh (bruidhinn, èisteachd, sgrìobhadh agus leughadh). Thèid gnàthasan-cainnte, seanfhacal, agus abairtean nàdurrach a thoirt a-steach nuair a bhios sin iomchaidh. Bheirear sùil air cultar agus eachdraidh na Gàidhlig. Gheibh luchd na Cuimris buannachd às a’ cheangal Cheilteach eadar Cuimris agus Gàidhlig

Tha an cùrsa seo ag amas air:-

Eòlas air fàilte/aithne a chur air a chèile ann an Gàidhlig
Còmhradh air an aimsir
Comas air bruidhinn air an sgìre agus air an dachaigh
Comas air bruidhinn air aghaidh na tìre
Leasachadh eòlas air fuaimneachadh agus litreachadh na Gàidhlig
Aithne air mar a tha Gàidhlig agus Cuimris coltach agus eadar-dhealaichte

Gàidhlig tro Mheadhan na Cuimris – air Loidhne
© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578