Skip to content

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose

BHO: 30 Màrt 2020
GU: 03 Giblean 2020
COSGAIS: £260
COSGAIS (OILEANAICH): £180
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

www.christineprimrose.com

**Thoir an aire gu bheil na roghainnean àite-fuirich againn air atharrachadh a-nis. Cha bhi sinn a’ tabhann ach àiteachan-fuirich LE BIADH NAN LÙIB a-nis. Faic an duilleag àite-fuirich againn airson an tuilleadh fiosrachaidh**

Air a’ chùrsa-chòmhnaidh fad 5 latha thèid coimhead air Òrain Ghàidhlig às na h-Eileanan agus a’ Ghàidhealtachd, gheibh sibh blasad air gràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig agus chì sibh mar a thèid rosg-rannan Gàidhlig a chruthachadh. Nì sibh sgrùdadh air eachdraidh is dualchas nan òran, a thuilleadh air còmhradh air na daoine a rinn iad, an saoghal anns an robh iad beò agus a’ bhuaidh phoilitigeach, shòisealta is chultarail a bh’ air na h-òrain. Le seo, gheibh sibh cothrom coimhead ri òrain a làimhsicheas diofar thèaman, leithid gaol, obair agus na mara.

Thar na seachdain, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean is cuspairean a leanas:

Puirt-a-beul
Tàlaidhean
Òrain-luaidh
Òrain Ghaoil
Gaol-dùthcha is Eilthireachd
Seòladh
Gnothaichean os-nàdarra

Tha an cùrsa seo fosgailte do dhuine sam bith is tha fàilte ro dhuine sam bith, ge brith dè th’ aca de Ghàidhlig agus cha leig iad leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar; ged a bhiodh e gu am buannachd nan robh iad cleachdte ri bhith a’ seinn ann am buidhinn! Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa.  Tha sibh làn di-beathte innealan-clàraidh a thoirt leibh gus na h-òrain a chlàradh tron t-seachdain.

’S ann à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais a tha Cairistìona Primrose is a’ Ghàidhlig aice bhon ghlùin. Tha Cairistìona air a bhith a’ seinn bhon a bha i na nighinn bhig is i air a cuairteachadh ceithir-thimcheall le òrain thraidiseanta agus thar nam bliadhnaichean, tha i air siubhal air feadh an t-saoghail, a’ seinn òran is ag innse mu cànan is cultar ann an Ameireagaidh, Canada, Sealan Nuadh, Astràilia is iomadh diofar dhùthaich san Roinn-Eòrpa.  Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Tha Cairistìona air a bhith ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig còrr is  deich thar fhichead bliadhna agus tha i a-nis a’ teagasg air a’ Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.  Chuir i an clàr ùr aice Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris air bhog ann an 2017. Air bharrachd chaidh MBE a bhuileachadh orra ann an 2018   airson na tha i air a dhèanamh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta airson cèol, cultar agus foghlam Gàidhlig.

Airson beagan a bharrachd fiosrachaidh is cuid de na h-òrain aice a chluinntinn, brùth an seo no thoir sùil air an làrach-lìn aice: www.christineprimrose.com

/*
*/