Skip to content

Òrain Ghàidhlig Air Loidhne le Cairistìona Primrose

BHO: 20 Iuchar 2020
GU: 22 Iuchar 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
www.christineprimrose.com

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Diluain, Dimàirt agus Diciadain), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig  10.00-11.00 / 11.30 – 12.30 / 13.30 – 14.30.  Cha bhi ach còignear sa chlas.

29mh, 30mh Ògmhios, 1mh Iuchar

Ionnsaich òrain Ghàidhlig le tè dhe na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba, air cùrsa goirid air-loidhne (trì latha ) le Sabhal Mòr Ostaig. Bho chomhfhurtachd na dachaigh agaibh fhèin, gheibh sibh an cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh sibh cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha. Thar na trì latha, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean a leithid òrain ghaoil, tàlaidhean, puirt-à-beul agus òrain-luaidh, agus cuspairean mar gaol-dùthcha, eilthireachd, seòladh agus gnothaichean os-nàdarra. Anns a’ chùrsa seo bidh sibh cuideachd a’ coimhead ri eileamaidean bunasach de ghràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig.  Nìthear cuideachd sgrùdadh air an dualchas is a’ bhuaidh phoilitigich, shòisealta a bha air cùl nan òran. 

Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cha leig iad leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar; ged a bhiodh e gu am buannachd nan robh iad cleachdte ri bhith a’ seinn ann am buidhinn. Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa.  

Bidh Christine cuideachd a’ teagasg cùrsa seinn Ghàidhlig aig ìre nas àirde don fheadhainn a tha comasach sa chànan (An Cùrsa Inntrigidh / Gàidhlig Ìre 6 neo coltach ris), 27 – 29 Iuchar (brùthaibh a seo airson barrachd fiosrachaidh).

’S ann à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais a tha Cairistìona Primrose is a’ Ghàidhlig aice bhon ghlùin. Tha Cairistìona air a bhith a’ seinn bhon a bha i na nighinn bhig is i air a cuairteachadh ceithir-thimcheall le òrain thraidiseanta agus thar nam bliadhnaichean, tha i air siubhal air feadh an t-saoghail, a’ seinn òran is ag innse mu cànan is cultar ann an Ameireagaidh, Canada, Sealan Nuadh, Astràilia is iomadh diofar dhùthaich san Roinn-Eòrpa. 

Tha i na Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig is na neach-oide air a’ chùrsa BA (le urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta. Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Chuir i an clàr ùr aice Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris air bhog ann an 2017. Air bharrachd chaidh MBE a bhuileachadh orra ann an 2018   airson na tha i air a dhèanamh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta airson cèol, cultar agus foghlam Gàidhlig.

Seo agaibh Christine leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’ air a sgrìobhadh le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais: https://youtu.be/1NPpnH0KgRA

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/