Skip to content

Òrain Ghàidhlig le Cairistìona Primrose

BHO: 17 Iuchar 2017
GU: 21 Iuchar 2017
COSGAIS: £250
COSGAIS (OILEANAICH): £175
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Ag ionnsachadh na Gàidhlig tro òrain

Air a’ chùrsa-chòmhnaidh fad 5 làithean ann an Òrain Ghàidhlig, gheibh na h-oileanaich blasad gràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig agus chithear mar a thèid rosg-rannan Gàidhlig a chruthachadh. Nithear sgrùdadh air eachdraidh is dualchas nan òran,   a thuilleadh air còmhradh air na daoine a rinn iad, an saoghal anns an robh iad beò agus a’ bhuaidh phoilitigeach, shòisealta is chultarail a bh’ air na h-òrain.

Tha an cùrsa seo fosgailte do dhuine sam bith aig a bheil ùidh ann an òrain Ghàidhlig agus cha leig a leas eòlas a bhith agaibh air a bhith seinn air àrd-ùrlair.  Bidh cruinneachadh beag de dh’ òrain Ghàidhlig air teanga nan oileanach ro dheireadh a’ chùrsa.  Tha làn chead agaibh innealan-clàraidh a thoirt leibh gus na h-òrain a chlàradh tron t-seachdain leis gun tèid a’ chùrsa a theagaisg as aonais pàipearan ciùil.

Tha Cairistìona Primrose à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais.  Bha a’ Ghàidhlig aice bho thùs is tha i air a bhith a’ seinn òrain traidiseanta sa Ghàidhlig fad a beatha, ann an diofar dhùthchannan mar Amaireaga, Canada, Sealainn Nuadh, Astràilia is  an Roinn Eòrpa.  Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Tha Cairistìona ag obair aig Sabhal Mòr Ostaig a’ teagasg air a’ Chùrsa (BA) Gàidhlig is Ceòl Traidiseanta.

Airson beagan a bharrachd fiosrachaidh is cuid de na h-òrain aice a chluinntinn, brùth an seo.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/