Òrain Ghàidhlig Air Loidhne le Cairistìona Primrose 22 Ògmhios 2021
BHO: 22 Ògmhios 2021GU: 24 Ògmhios 2021
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose
Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Dimàirt, Diciadain agus Diardaoin), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig 10.00-11.00 / 11.30 – 12.30 / 13.30 – 14.30. Cha bhi ach còignear sa chlas.
Ionnsaich òrain Ghàidhlig le tè dhe na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba, air cùrsa goirid air-loidhne (trì latha ) le Sabhal Mòr Ostaig. Bho chomhfhurtachd na dachaigh agaibh fhèin, gheibh sibh an cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh sibh cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha. Thar na trì latha, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean a leithid òrain ghaoil, tàlaidhean, puirt-à-beul agus òrain-luaidh, agus cuspairean mar gaol-dùthcha, eilthireachd, seòladh agus gnothaichean os-nàdarra. Anns a’ chùrsa seo bidh sibh cuideachd a’ coimhead ri eileamaidean bunasach de ghràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig. Nìthear cuideachd sgrùdadh air an dualchas is a’ bhuaidh phoilitigich, shòisealta a bha air cùl nan òran.
Tha an cùrsa seo ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig agus cha leig iad leas a bhith eòlach air seinn air àrd-ùrlar; ged a bhiodh e gu am buannachd nan robh iad cleachdte ri bhith a’ seinn ann am buidhinn. Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa.
’S ann à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais a tha Cairistìona Primrose is a’ Ghàidhlig aice bhon ghlùin. Tha Cairistìona air a bhith a’ seinn bhon a bha i na nighinn bhig is i air a cuairteachadh ceithir-thimcheall le òrain thraidiseanta agus thar nam bliadhnaichean, tha i air siubhal air feadh an t-saoghail, a’ seinn òran is ag innse mu cànan is cultar ann an Ameireagaidh, Canada, Sealan Nuadh, Astràilia is iomadh diofar dhùthaich san Roinn-Eòrpa.
Tha i na Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig is na neach-oide air a’ chùrsa BA (le urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta. Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba. Chuir i an clàr ùr aice Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris air bhog ann an 2017. Air bharrachd chaidh MBE a bhuileachadh orra ann an 2018 airson na tha i air a dhèanamh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta airson cèol, cultar agus foghlam Gàidhlig.
Seo agaibh Christine leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’ air a sgrìobhadh le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais: https://youtu.be/1NPpnH0KgRA