Skip to content

Òrain Ghàidhlig Air Loidhne le Cairistìona Primrose

BHO: 27 Iuchar 2020
GU: 29 Iuchar 2020
COSGAIS: £110
COSGAIS (OILEANAICH): £99
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
www.christineprimrose.com

**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich mun liosta-feitheimh againn.**

Òrain Ghàidhlig le Christine Primrose

Lìbhrigear an cùrsa seo thairis air trì làithean (Diluain, Dimàirt agus Diciadain), le trì clasaichean air Zoom gach latha aig  10.00-11.00 / 11.30 – 12.30 / 13.30 – 14.30.  Cha bhi ach còignear sa chlas.

Ionnsaich òrain Ghàidhlig le tè dhe na seinneadairean as cliùitiche ann an Alba, air cùrsa goirid air-loidhne (trì latha ) le Sabhal Mòr Ostaig. Bho chomhfhurtachd na dachaigh agaibh fhèin, gheibh sibh an cothrom teagasg air leth fhaighinn, is gheibh sibh cothrom seinn còmhla is ionnsachadh bhon bheartas de dh’òrain thraidiseanta a tha Christine air càrnadh tro beatha. Thar na trì latha, coimheadar gu h-àraidh ris na stoidhlichean a leithid òrain ghaoil, tàlaidhean, puirt-à-beul agus òrain-luaidh, agus cuspairean mar gaol-dùthcha, eilthireachd, seòladh agus gnothaichean os-nàdarra. Anns a’ chùrsa seo bidh sibh cuideachd a’ coimhead ri eileamaidean bunasach de ghràmar is fuaimneachadh na Gàidhlig.  Nìthear cuideachd sgrùdadh air an dualchas is a’ bhuaidh phoilitigich, shòisealta a bha air cùl nan òran.

Bidh cruinneachadh beag de dh’òrain Ghàidhlig air ur teanga ro dheireadh a’ chùrsa. Tha an cùrsa seo ag amas air daoine a tha comasach sa chànan (An Cùrsa Inntrigidh / Gàidhlig Ìre 6 neo coltach ris. Bidh Christine cuideachd a’ teagasg cùrsa seinn Ghàidhlig ag amas air luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, 29mh Ògmhios – 1mh Iuchar (brùthaibh a seo airson barrachd fiosrachaidh).

 

’S ann à Carlabhagh, taobh siar Eilean Leòdhais a tha Cairistìona Primrose is a’ Ghàidhlig aice bhon ghlùin. Tha Cairistìona air a bhith a’ seinn bhon a bha i na nighinn bhig is i air a cuairteachadh ceithir-thimcheall le òrain thraidiseanta agus thar nam bliadhnaichean, tha i air siubhal air feadh an t-saoghail, a’ seinn òran is ag innse mu cànan is cultar ann an Ameireagaidh, Canada, Sealan Nuadh, Astràilia is iomadh diofar dhùthaich san Roinn-Eòrpa.

Tha i na Ceannard Òrain Ghàidhlig aig Sabhal Mòr Ostaig is na neach-oide air a’ chùrsa BA (le urram) Gàidhlig agus Ceòl Traidiseanta. Bhuannaich Cairistìona Bonn Òr an t-Seann Nòis agus anns an t-Samhain 2009, choisinn i an duais ‘Seinneadair Gàidhlig na Bliadhna’ aig Duaisean Ceòl Traidiseanta na h-Alba.  Chuir i an clàr ùr aice Gràdh is Gonadh – Guth ag aithris air bhog ann an 2017. Air bharrachd chaidh MBE a bhuileachadh orra ann an 2018   airson na tha i air a dhèanamh gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta airson cèol, cultar agus foghlam Gàidhlig.

Seo agaibh Christine leis an òran ‘Àite Mo Ghaoil’ air a sgrìobhadh le Rob Calum MacLeòid às na Gearranan, Eilean Leòdhais: https://youtu.be/1NPpnH0KgRA

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/