Skip to content

Pìobaireachd is Drumaireachd (fo aois 21): 08 Iuchar 2024

BHO: 08 Iuchar 2024
GU: 12 Iuchar 2024
COSGAIS: £155
COSGAIS (OILEANAICH): £155
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Tha an cùrsa Pìobaireachd is Drumaireachd seo ag amas air sgilean pìobaireachd, drumaireachd is beum-cheòl (bòdhran, djembe, drùmaireachd ceòl chèilidh) a thoirt am feabhas aig oileanaich suas gu 21 bliadhna dh’aois a tha aig ìre reusanta math air an fheadan, ach gu h-àraid an feadhainn a tha air a bhith ri pìobaireachd airson greiseag cuideachd. Tha e air a mholadh gum bi oileanaich a’ gabhail pàirt anns an dà chlas ach an cuidich e le ruitheam is cumail ris a’ cheòl.

Tha Sabhal Mòr Ostaig air a bhith a’ ruith leithid a chùrsa fad iomadh bliadhna, le deagh chuid de na prìomh chluicheadairean òga an-diugh air tighinn chun nan cùrsaichean seo aig a’ Cholaiste a-cheana. Bho chionn beagan bhliadhnaichean a-nis, ‘s iad am pìobaire agus neach-sgrùdaidh pìobaireachd Iain MacPhàidein agus an drumair is pìobaire cliùiteach Anndra Mac a’ Phearsain a tha air a bhith os cionn a’ chùrsa seo.

Thèid ceòl aotrom, mar caismeachdan, srath spèithean is ruidhlichean a chleachdar ann am farpaisean a theagasg, cuide ri puirt ghrad-charach, fuinn Ghàidhlig agus puirt-chruinne. Thèid ceòl mòr cuideachd a theagasg; na dòighean cluiche is na fuinn a tha ri lorg ann am pìobaireachd.

Mu Iain agus Anndra

‘S ann do theaghlach ainmeil ann an saoghal na pìobaireachd a bhuineas Iain MacPhàidein. Tha ceangal dlùth aige ris na h-Eileanan is taobh an iar na h-Alba. Tha e fhèin is a bhràithrean air na duaisean as àirde ann an saoghal na pìobaireachd a chosnadh. Mar sin, tha làn eòlas aige agus e air a bhogadh ann an dòighean is cleachdaidhean pìobaireachd thraidiseanta.  Mar sin, ‘s math dhuinne aig Sabhal Mòr Ostaig gu bheil sinn san t-suidheachadh leis a’ chùrsa seo a bhith a’ toirt cothrom ionnsachaidh dhuibh le Iain.

Tha Anndra Mac a’ Phearsain na eòlaiche ciùil proifeiseanta a tha air cluich ann an còmhlain ainmeil mar Deoch ‘n’ Dorus, Angus Nicolson Trio, Urban Teuchters agus Niteworks.  Mar neach-ciùil iomadh-ionnsramaid a tha cleachdte ri cluich anns an stiùidio air neo beò air beulaibh sluaigh, tha eòlas aige air cluich ann an iomadach seòrsa suidheachaidh, eadar comhlain bheaga ionadail, comhlain ciùil ainmeil air feadh an t-saoghail agus còmhlain pìobaireachd.  Mar sin, tha comas aig Anndra deagh chothrom a thoirt dha na h-oileanaich gus meudachd de cheòl ionnsachadh bhuaithe. Cheumnaich Anndra le BA ann an Ceòl Traidiseanta Albannach bhon RSAMD, no Conservatoire Rìoghail na h-Alba mar a theirear san latha an-diugh.  Bidh Anndra a’ teagasg aig mòran de na fèisean agus sgoiltean ann an Alba far am bi e teagasg clann de gach aois agus comas.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578