Skip to content

Seachdain nan Teaghlach 2023

BHO: 10 Iuchar 2023
GU: 14 Iuchar 2023
COSGAIS: £Faic gu h-ìosal
COSGAIS (OILEANAICH): £
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Seachdain nan Teaghlach

***** Feumaidh iarrtasan a bhith a-staigh ro Dhihaoine, 28 Giblean 2023. Bithibh mothachail nach glèidh an t-iarrtas seo àite dhuibh air Seachdain nan Teaghlach le cinnt. Thèid fios a chur thugaibh tràth sa Chèitean gus fios a leigeil an robh sibh soirbheachail ann a bhith a’ glèidheadh àite agus le tuilleadh fiosrachaidh. *****

Tha sinn toilichte innse gum bi Seachdain nan Teaghlach a’ tilleadh gu làrach Shabhal Mòr Ostaig anns an Eilean Sgitheanach 10–14 Iuchar 2023, airson a’ chiad uair às dèidh COVID – 19 bliadhna on a’ chiad tachartas de leithid ann an 2004, is 50 bliadhna on a chaidh Sabhal Mòr Ostaig fhèin a stèidheachadh ann an 1973.

‘S e tachartas fad-seachdain a tha seo, a’ toirt cothrom do theaghlaichean aig a bheil clann ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig an sgilean cànain a leasachadh còmhla ann an àrainneachd bogadh na Gàidhlig, is a bhith a’ measgachadh le teaghlaichean eile à gach ceàrn na dùthcha, a tha ann an suidheachaidhean coltach ris an t-suidheachadh aca fhèin. Bidh cothrom aig pàrantan cùrsaichean cànain Sabhal Mòr Ostaig a fhrithealadh tron t-seachdain, fhad ‘s a tha an cuid chloinne a’ gabhail pàirt ann an iomadh tachartas is cluiche tro mheadhan na Gàidhlig, le teaghlaichean a’ tighinn cruinn còmhla air an oidhche airson measgachadh de thachartasan sòisealta.

Mar a bh’ anns na bliadhnaichean a dh’fhalbh, thèid a’ mhòr-chuid de na cosgaisean a phàigheadh le taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, agus le Sabhal Mòr Ostaig is le Comhairle na Gàidhealtachd fhèin, a tha a’ cur an tachartas seo air dòigh. Tha diofar roghainnean ann a thaobh àite-fuirich aig diofar phrìsean, is tha na cosgaisean eile a thèid a phàigheadh le pàrantan air a bhith gan cumail aig prìsean 2019. Faicibh gu h-ìseal airson tuilleadh fiosrachaidh.

 

Pàrantan

Cùrsaichean Cànain (£140 gach neach)

Thèid na cùrsaichean cànain a chumail air làrach Shabhal Mòr Ostaig aig taghadh de dh’ìrean, a rèir ìre nan com-pàirtichean. Nuair a chuireas sibh iarrtas a-steach, bu chòir dhuibh ìre fhreagarrach a thaghadh airson gach inbheach a bhios a’ gabhail pàirt, agus fios a leigeil mu ionnsachadh sam bith a tha sibh air a dhèanamh roimhe is na h-ìrean a bhios sibh air choileanadh ro thoiseach an tachartais. Gheibh sibh fios mu ìrean nan cùrsaichean is ìrean air cùrsaichean eile a tha co-ionnan an seo.

Thèid cosgaisean cùrsaichean cànain Seachdain nan Teaghlach a thabhann aig leth-phrìs, air sgàth taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig, a bharrachd air taic is subsadaidh bho Shabhal Mòr Ostaig.

Clann

Aois Fo-Sgoile: Fàs Mòr (An-asgaidh)

Thèid clann nach eil aig an sgoil fhathast gu Fàs Mòr, ionad cùraim-chloinne Gàidhlig a tha stèidhichte faisg air a’ cholaiste.

Aois Bun-Sgoile: Sgeama-cluiche (£30 gach pàiste)

Gabhaidh clann a th’ aig bun-sgoil Ghàidhlig mar-thà pàirt ann an sgeama-cluiche tron t-seachdain, le iomadh tachartas, an dà chuid a-muigh is a-staigh, leithid tachartasan spòrs, drama, ealain is ceàirdean.

‘S e cuid de na cosgaisean as motha cosgaisean cùraim-chloinne is an sgeama-chluiche, ach tha sinn glè thoilichte seo a thabhann aig prìs fada nas ìsle, a tha comasach air sgàth taic-maoineachaidh bho Bhòrd na Gàidhlig is Comhairle na Gàidhealtachd.

Feumaidh sibh ainm is latha-breith gach pàiste a chur a-steach tron iarrtas, a bharrachd air ainm na sgoile no sgoile-àraich aig a bheil iad (mar as iomchaidh).

Gu mì-fhortanach, chan eil goireasan againn am-bliadhna airson clann aig aois àrd-sgoile a ghabhail mar phàirt de Sheachdain nan Teaghlach ach dh’fhaodadh ùidh a bhith aig daoine eile san teaghlach sa chùrsa Pìobaireachd is Drumaireachd (Fo Aois 21) a bhios a’ dol air an làraich aig an aon àm.

 

Àite-Fuirich

Tha na roghainnean gu h-ìseal rim faotainn. Cuiribh fios mun roghainn a b’ fheàrr leibh tron iarrtas agus nì sinn ar dìcheall sin a thabhann.

Taobh A-Muigh na Colaiste

Tha liosta de dh’àitichean-fuirich san sgìre ri faotainn ma tha sin a dhìth. Cuiribh brath airson tuilleadh fiosrachaidh.

Campachadh air Làrach na Colaiste (Teanta no Bhana-Champachaidh)

Faodaidh teaghlaichean campachadh taobh a-staigh làrach Shabhal Mòr Ostaig saor an-asgaidh, ach chan e làrach-champachaidh oifigeil a th’ innte, mar sin tha àite is goireasan cuingichte. Thèid tuilleadh fios a chur gu luchd-campachaidh, mar as iomchaidh.

Faodaidh teaghlaichean a bhios a’ campachadh biadh a cheannach sa bhiadhlann is bhon chafaidh.

 

Àite-fuirich na Colaiste

Bidh a’ mhòr-chuid de theaghlaichean a’ fuireach ann an àite-fuirich na Colaiste fhèin, ann an seòmraichean singilte is dà leapa. Nì sinn ar dìcheall na roghainnean a thaghas sibh san iarrtas agaibh a thabhann dhuibh is teaghlaichean a chumail ann an seòmraichean faisg air a chèile, ach chan urrainnear sin a ghealltainn.

Tha eisimpleirean de chosgaisean àite-fuirich rim faicinn gu h-ìosal. Thèid na cosgaisean seo a dhearbhadh a rèir a’ mheasgachaidh de dh’àite-fuirich a tha comasach a thabhann do gach teaghlach – rudeigin air nach bi fios gus an tèid àitichean nan com-pàirtichean a dhearbhadh.

Seòmar Singilte Fad 5 Oidhcheannan:           

  • 1 inbheach (£187)

Seòmar Dà Leapa Fad 5 Oidhcheannan:         

  • 2 inbheach (£302)
  • 1 inbheach is 1 phàiste (£272)

Ma tha sibh airson cot a thoirt leibh airson leanabh, bu chòir dhuibh sin innse san iarrtas. An uair sin, bidh e comasach àite-fuirich a thabhann dhuibh a bhios freagarrach, a rèir na tha comasach. Tha àireamh bheag de chotaichean aig a’ Cholaiste rim faotainn air iasad. Cuiribh fios ma tha sibh ag iarraidh fear dhiubh a chleachdadh tron t-seachdain, ach bidh agaibh ri an t-aodach-leapa agaibh fhèin a thoirt leibh.

Tha taigh-beag prìobhaideach aig gach seòmar a bharrachd air coire, tì is cofaidh. Tha na prìsean seo a’ gabhail a-steach bracaist, ach faodar lòn is dinnear a cheannach às a’ bhiadhlann no às a’ chafaidh tron t-seachdain. Tha seòmraichean-cruinneachaidh ann am feadhainn de na h-àitichean-fuirich, anns a bheil coire, fuaradair, is microwave a tha rin cleachdadh.

B urrainn do theaghlaichean a tha a fulang ri linn teanntachd ionmhais bruidhinn ri an sgoil no ùghdarras ionadail aca feuch a bheil dòigh ann airson taicairgid fhaighinn.

 

Dleastanasan Phàrant

Bidh luchd-eagrachaidh an tachartais a’ toirt aire fhoirmeil do phàistean fhad ’s a tha iad aig Fàs Mòr agus an Sgeama-cluiche. S e pàrantan a tha an urra ri aire do an cuid chloinne aig àm sam bith eile.

Feumaidh clann a tha fo 16 bliadhna dh’aois is a tha a’ fuireach na h-oidhche air làrach Shabhal Mòr Ostaig a bhith còmhla ri inbheach.

 

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/