Sgoil Phìobaireachd an Eilein Sgitheanaich
BHO: 14 Lùnastal 2017GU: 18 Lùnastal 2017
COSGAIS: £250.00
COSGAIS (OILEANAICH): £175.00
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
![]() |
![]() |
Angus MacKay, Raasay |
|
Taigh a’ Phìobaire – The Piper’s House, Raasay |
|
Dr Decker Forrest |
|
Prof Hugh Cheape |
Tha e toirt làn-thoileachas dhuinn gun tèid Sgoil Phìobaireachd an Eilein Sgitheanaich a chur ri prògram nan Cùrsaichean Goirid aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 2017.
‘S e cothrom gu tur ùr a tha ann an Sgoil Phìobaireachd an Eilein Sgitheanaich. Chuir am pìobaire is sgoilear cliùiteach an t-Ollamh Decker Forrest an cùrsa seo air bhonn. Tha e na amas don Sgoil Phìobaireachd gum faigh oileanaich teagasg air leth feumail ann an sgilean pìobaireachd bho phìobairean ainmeil an latha an-diugh ann an dachaigh eachdraidheil pìobaireachd an Eilein Sgitheanaich.
Air a shuidheachadh air làrach àlainn Sabhal Mòr Ostaig, bidh an Sgoil Phìobaireachd a’ dèanamh feum den ionad shònraichte airson cuspairean co-cheangailte ri eachdraidh pìobaireachd an Eilein a theagasg, le òraid feasgar ann agus, ann am meadhan na seachdaine, turas gu àite le ceangal dlùth ris a’ chuspair shònraichte a bheir piobrachadh dhan a h-uile duine thèid ann. Chan eil cothrom a leithid seo aig sgoil phìobaireachd eile san t-saoghal!
Sa chiad bhliadhna seo, ‘s e an cuspair Clann ‘Ic Ruairidh: Clann MhicAoidh Ratharsair. Thèid sinn air chuairt gu eilean Ratharsair agus gheibh Oileanaich air a’ chùrsa cothrom a thadhal air “Taigh a’ Phìobaire”, an dachaigh a bh’ aig Iain MacAoidh a thug a chuid eòlais do dh’iomadh pìobaire ealanta, comasach thar nan linn. Tha pìos an seo a sgrìobh an t-Ollamh Decker Forrest is an t-Àrd-ollamh Ùisdean Cheape.
Tha an Sgoil Phìobaireachd stèidhichte air teagasg ann am buidhnean aig dà ìre a chleachdas cuspairean sònraichte mar dhòighean air leudachadh air sgilean pìobaireachd, ‘s e sin:
- dòigh-chluich
- ceòlmhorachd
- sgilean-cluiche
- fuaimneachd
Thèid amasan nan clasaichean sin dhealbh a thaobh feumalachdan nan oileanach anns gach clas agus cuideachd bidh ùine aghaidh-ri-aghaidh ann airson dèiligeadh ri feumalachdan sònraichte aig gach oileanach. A bharrachd air an teagasg sa chlas, thèid rudan àraid a chur air dòigh, mar òraid, tadhal air taigh-seinnse far a bheil ceòl beò ga chluich, pìobaireachd ann an suidheachadh poblach le pìobaire ainmeil agus sgrìob le ceangal ri cuspair na bliadhna. Bheir sin cothrom do na h-oileanaich tuilleadh den Eilean fhaicinn agus àiteachean a tha cuideachd a’ ceangal ceòl, eachdraidh pìobaireachd agus àiteachean le ceangal sònraichte ri pìobaireachd ri chèile.
Thèid oidhche cèilidh le bàr fosgailte a chumail aig a’ Cholaiste air an oidhche mu dheireadh agus an luchd-teagaisg is na h-oileanaich a’ cluich ann an suidheachadh mì-fhoirmeil.
Tha an Sgoil Phìobaireachd ag amas air pìobairean den a h-uile seòrsa comais ach a bhios comasach air sreath de Cheòl Beag a chluich agus aig a bheil co-dhiù tuigse bhunasach air Ceòl Mòr.
Luchd-teagaisg na Sgoil Pìobaireachd 2017
- Iain MacPhaidein
- Aonghas MacNeacail
- An t-Ollamh Decker Forrest
- Thèid an òraid a lìbhrigeadh leis an Àrd-ollamh Ùisdean Cheape