
Bogsa le Addie Harper: 10 Iuchar 2023
BHO: 10 Iuchar 2023GU: 14 Iuchar 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
‘S e cùrsa còig-latha a tha seo do dhaoine às bith dè na comasan a th’ aca air a’ bhogsa. Gheibh thu cothrom cuide ri Addie air iomadh port eadar-dhealaichte ionnsachadh cho math ri dòighean-cluich, co-sheirmean is còrdan a chuireas ris an eòlas chiùil agad. Tha fèill mhòr air Addie mar thidsear agus mar neach-ciùil air feadh na h-Alba agus thall thairis, agus tha e air a bhith na thidsear air Cùrsaichean Goirid Sabhal Mòr Ostaig fad iomadh bliadhna a-nis.
Mu Addie
Buinidh Addie Harper Jnr. ri teaghlach ceòlmhor ainmeil, agus bidh an dòigh teagaisg aige a’ cur oileanaich aig fois agus gam brosnachadh le a chuid stiùiridh agus foighidinn; mar sin, bidh na cùrsaichean aige a’ tàladh oileanach às gach àird. Thèid oileanaich a phiobrachadh, an lùib a’ chùrsa, gus cluich còmhla ri chèile aig cèilidh nan Cùrsaichean Goirid aig a’ Cholaiste oidhche Dhiardaoin, agus ged a bhiodh dragh aig cuid, bidh Addie a’ dèanamh cinnteach gum faigh a h-uile duine cothrom cluich air àrd-ùrlar às bith dè na comasan a th’ aca air a’ bhogsa.
On a tha an cùrsa seo a’ ruith aig an aon àm ris a’ chùrsa Bogsa-Putain aig Sabhal Mòr Ostaig le Fergie Dòmhnallach MBE is Raibert Nairn, bidh iomadh cothrom ann cluich le cluicheadairean bogsa eile agus dha-rìribh cothrom triùir de na cluicheadairean bogsa as fheàrr an Alba a chluinntinn air oidhche shònraichte de cheòl thar seachdain a’ chùrsa.