Skip to content

Beul-Aithris is Dualchas le Màiri Sìne Chaimbeul

BHO: 14 Lùnastal 2023
GU: 18 Lùnastal 2023
COSGAIS: £280
COSGAIS (OILEANAICH): £195
CLÀRAICH AN-DRÀSTA

Màiri Sìne Chaimbeul**Tha an cùrsa seo làn a-nis.  Nach faighnich sibh mun liosta-feitheimh.**

Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte an cùrsa  Beul-Aithris is Dualchas, a thabhann a-rithist am bliadhna le Màiri Sìne Chaimbeul.

Chaidh an cùrsa seo a chruthachadh do dh’oileanaich a tha adhartach sa chànain agus a tha airson barrachd eòlais a chur air eachdraidh agus cultar nan Gàidheal tro bheul-aithris nan daoine.

Tron t-seachdain bithear ag èisteachd ri òrain thraidiseanta agus ag ionnsachadh mu chleachdaidhean agus beatha-làitheil nan daoine gu h-àraidh tro sgeulachdan agus seanchas. Bithear cuideachd a’ toirt sùil air an luchd-cruinneachaidh as ainmeile ann an Alba agus na dòighean-obrach a chleachd iad. Thathar an dùil gum bithear a’ fàgail aig deireadh na seachdaine le bun-eòlas de dhualchas agus cruinneachadh de bheul-aithris.

Tha an cùrsa seo iomchaidh do dhaoine a tha fileanta sa Ghàidhlig no a rinn na cùrsaichean cànain againn aig ìre 8, 9 & 10 is cuideachd dhaibhsan a rinn Cùrsa Goirid ann am Flòdaigearraidh no fear a tha co-ionnan riutha seo.

 

Mu dheidhinn Màiri-Sìne:  

Book CoverRugadh agus thogadh Màiri Sìne Chaimbeul anns a’ Phloc air a’ Ghàidhealtachd. Fhuair i Ceum MA le Urram ann an Ceiltis bho Oilthigh Obar Dheathain. Bha i ag obair ann an Lunnainn airson trì bliadhna agus an uairsin chaidh i air turas a dh’Afraig a Tuath agus dhan Ear-mheadhan. Nuair a thill i, chaidh i a-steach airson teagasg agus bha i ann an Àrd Sgoil Phort Righ airson grunn bhliadhnaichean. Bha i an sàs anns a’ bhuidheann dràma Gàidhlig, Fir-Chlis, gus an do phòs i Tormod a’ Bhocsair (Caimbeul) ann an 1979.

Tha Màiri Sìne aithnichte mar sgrìobhadair is i air grunn leabhraichean agus sgriobtaichean cloinne a’ sgrìobhadh airson prògraman telebhisein. Tha fèill mhòr air Màiri Sìne an dà chuid mar sheinneadair agus neach-teagaisg. Bha i a’ teagasg òrain Ghàidhlig ann am bun-sgoiltean an Leòdhas airson beagan bhliadhnaichean agus bhuannaich i Bonn Òr an t-Seann Nòis aig a’ Mhòd anns an Òban ann an 1992. ‘S ann 2020 a chaidh an leabhar aig Màiri Sìne Iain mac Mhurchaidh: The Life and work of John MacRae, Kintail and North Carolina fhoillseachadh leis na Scottish Gaelic Texts Society, air Beatha agus obair Iain mhic Mhurchaidh, bàrd à Cinn Tàile agus Carolina a Tuath.

Ge-tà is ma dh’fhaoidte gur ann mar sàr neach-teagasg aig Sabhal Mòr Ostaig far an robh i airson còrr is trì air fhichead bliadhna a’ teagasg Gàidhlig agus Cultar Traidiseanta a tha Màiri Sìne air leth airidh air aithneachadh agus moladh. ’S iomadh oileanach sean is òg thar nam bliadhnaichean a th’ air buannachd fhaighinn às na clasaichean ’s na h-òraidean aice is iad air am beò ghlacadh leis na tha aice ri thoirt seachad.

Anns a’ chùrsa seo is cinnteach gum bi fealla-dhà is còmhradh rim faighinn is pailteas de sgeulachdan tlachdmhor rin cluinntinn is rin aithris.

Clàr-ama an t-seachdain:

Diluain, Dimàirt agus Diardaoin clasaichean bho 9:30m gu 4:30f
Diciadain deiseil tràth 9:30m gu 3f
Dihaoine 10m gu 12:30f

© Sabhal Mòr Ostaig | Dealbhachadh le CGS | Tha Sabhal Mòr Ostaig na carthannas clàraichte an Alba · No. SC002578
/*
*/