Duiseal is Fìdeag le Hamish Napier: 29 Iuchar 2024
BHO: 29 Iuchar 2024GU: 02 Lùnastal 2024
COSGAIS: £290
COSGAIS (OILEANAICH): £205
CLÀRAICH AN-DRÀSTA
Èistibh ris an clàr “The River” an seo! |
Tha Sabhal Mòr Ostaig air leth toilichte gum bi Hamish Napier, cluicheadair ioma-ionnsramaid ‘s chosnaiche duaisean, a’ tilleadh do phrògram nan Cùrsaichean Goirid am-bliadhna seo.
Bidh an cùrsa seo fosgailte do chluicheadairean an dà chuid duiseal is fìdeag (fiodha ‘s Boehm), agus gheibh oileanaich misneachd gus an tog iad càirdeas saorsainneil leis an ionnsramaid aca. Togaidh Hamish còmhradh air dòighean-obrach ‘s bun-stuth, misneachd thaisbeanaidh, sgeadachadh ‘s alt cheangal, guth-cheòl, alt-obrach analachaidh, agus mar a thaghar àite-analachaidh freagarrach ann an fuinn. Bidh beagan teòiridh “need-to-know” ann, geamaichean ruitheim, agus ceithir sgèilichean “need-to-know” (‘s mar a nì thu an sruthadh gun spàirn air an ionnsramaid). Cuiridh am bùth-obrach seo beum air stòr-ealantais ciùil-seasein Albannaich a bhios a’ dol gu math leis an fhìdeig ‘s an duiseil.
Thèid an cùrsa seo a theagasg air a’ chluais agus le ceòl-sgrìobhte, agus gheibhear duilleagan fiosrachaidh gach latha.
Mu Hamish
‘S e oide, sgrìobhaiche-ciùil agus ceòladair traidiseanta a th’ ann an Hamish, a bhios a’ seinn, a’ cluich na duiseil ‘s a’ phiàno, air a bhrosnachadh leis an nàdar ‘s dualchas a dhachaigh ann an Strath Spè. Dh’fhuirich e 17 bliadhna anns na h-àrainneachdan beòthail ‘s ioma-sheòrsa ann an Glaschu ‘s Boston. Nuair a thill e dhachaigh o chionn còig bliadhnaichean, thòisich e air “Strathspey Pentalogy”, pròiseact àrd-amasach thairis air deich bhliadhna airson còig clàraidhean ùra a chruthachadh a chaidh a bhrosnachadh le cruth na tìre: Fhuair The River (2016) and The Railway (2018) còig rionnagan ann am pàipearan-naidheachd nàiseanta, agus bhuannaich The Woods (2020) duais “Album of the Year” aig Duaisean Na Trads.
Tha Hamish air ag obair còmhla ri luchd-ealain treòrachaidh leithid Duncan Chisholm, Ross Ainslie, Donald Shaw, Julie Fowlis, Blue Rose Code agus Martyn Bennett. DBha e ag obair air TBh nàiseanta aa dà chuid na chluicheadair agus preasantair, agus nochd e aig fèisean, taighean-cluich is oilthighean air feadh na Rìoghachd Aonaichte, na Roinn Eòrpa, agus na Stàitean Aonaichte. Bidh e ag amas air cothrom eadar traidisean agus nuadhachas, a’ comharrachadh agus a’ toirt spèis do dhualchas-ciùil na h-Alba agus aig a’ cheart àm a’ dol thairis air crìochan, le dòighean-obrach jazz, ciùil clasaigich, agus ciùil làthaireil.
Bidh an obair aige gu tric eadar-dhreuchdail, a’ cur ceòl ri filmichean no air dàin is sgeulachdan. Bha Hamish na riochdaire còmhla ri David Francis air an fhilm “Strathspey Stories”, a fhuair a’ chiad taisbeanadh aig an “Scottish International Storytelling Festival”, agus tha e na sgrìobhadair is aithrisear air còrr is deich uairean de sgeulachdan air na h-apps fòn-làimhe “Highland Discovery” agus “Badenoch the Storylands” airson Còmhdhail Alba agus Badenoch Heritage. Thairis air na beagan bhliadhnaichean a dh’fhalbh tha e air a bhith an sàs gu mòr leis na h-ealain thaisbeanail na choimhearsnachd ionadail ann am Pàirc Nàiseanta a’ Mhonaidh Ruaidh, gu sònraichte tron t-sreath thachartasan “Storylands Sessions” a chaidh a chruthachadh còmhla ris an sgrìobhadair Merryn Glover, a bha na chrùbh taisbeanaidh gu mòr soirbheachail do bhàrdachd, sgeulachdan, cheòl, ealain agus òrain airson daoine aig a h-uile aois.
Chaidh a’ chiad chlàr aig Hamish fhèin, The River, a chur air bhog bho chionn ghoirid, agus chan eil sin ach air cur ri a dheagh chliù mar neach-ciùil àraid.
“There’s stunning craft to Hamish’s music-making. The sleeve-notes for The Woods are little Nan-Shepherd-esque prose-poems in their own right. I salute the ambition, vision and timescale of his Pentalogy project.”
Robert MacFarlane ‘The Lost Words’
★★★★★ “The Woods is a beautifully constructed, evocative and distinctive album…a splendid and rare treat.”
SONGLiNES Magazine
★★★★★ “Scintillating…brilliantly vivid”
The Scotsman
★★★★★ “Napier has the composer’s gift of painting a picture with sound, more evocative that an artist. Superb.”
FATEA Magazine
“A vivid exploration of woodland, and its connection to the past and present. Meticulous research and authenticity drives it…a work of passion and commitment.”
Cameron McNeish, Scots Magazine
“Rich and complex…a tremendous piece of work and highly recommended”
Chris Townsend Outdoors